Ùrachadh mu Dheireadh 27/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Bàgh Gheàrrloch
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0460
ÀITE
Geàrrloch
SGÌRE
Geàrrloch
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Geàrrloch
LINN
1920an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32387
KEYWORDS
cairtean-puist
calachan
Baile Lùib
An Lòn Mòr
Baile Ghobhainn
Mial
Uachdar Chàirn
tuineachaidhean
croitearachd
iasgach
eisirean
maorach
bailtean-turasachd
A' Bhanrigh Bhictòria
tràighean
bàtaichean-smùide
goilf
Tòrasdal
Gairloch Bay

Tha a' chairt-phuist seo a' sealltainn Bàgh Gheàrrloch

Tha Geàrrloch ann an Ros an Iar air cladach Loch Gheàrrloch. Tha Geàrrloch a' ciallachadh loch goirid.

Chan eil fada bho chaidh na tuineachaidhean fa leth air cladach an locha - An Lòn Mòr, Baile Ghobhainn, Mial, An Srath, Uachdar Chàirn agus Baile Lùib - ainmeachadh còmhla mar Gheàrrloch.

Suas gu 1843, nuair a chaidh an rathad a thogail, b' ann bhon mhuir bu mhotha a bha cothrom air faighinn dhan àite iomallach seo.
'S ann a mhàin an-dràsta, aig toiseach an 21d linn, a thathar a' leasachadh an A832 bho rathad singilte le àitean dol-seachad gu rathad dùbailte.

B' ann air croitearachd agus iasgach, gu sònraichte iasgach an truisg, a bha a' choimhearsnachd sgapte seo an crochadh. Bhiodh eisirean agus maorach eile air an glacadh cuideachd airson margaidh Lunnainn. Bidh crùbagan, giomaich agus muasgain-chaola air an cur fhathast bho Gheàrrloch gu margaidhean aig deas agus san Roinn Eòrpa.

'S ann mar bhaile turasachd as fheàrr a dh'aithnichear Geàrrloch ged-tà. Thadhail a' Bhanrigh Bhictòria air Geàrrloch ann an 1877 's i a' fuireach aig Taigh-òsta Loch Ma-Ruibhe a tha faisg air làimh, agus on uair sin tha luchd-turais air a bhith a' tighinn ann a mhealtainn nan tràighean brèagha agus nan seallaidhean mìorbhaileach. Bhiodh bàtaichean-smùide a' tadhal gu cunbhalach san naoidheamh linn deug agus bhiodh Taigh-òsta Gheàrrloch a' frithealadh do dh'fheumalachdan an luchd-tadhail. Chaidh raon-goilf fhosgladh ann an 1898.

Air cladach deas an locha tha grunn eileanan a tha nan acarsaid shàbhailte do bhàtaichean-iasgaich agus iachtaichean. Is e Eilean Thòrasdail an t-eilean as motha. Tha an t-ainm a' tighinn bho Thor, dia Lochlannach an tàirneanaich, agus tha e na chuimhneachan gun robh smachd aig na Lochlannaich air a' chosta seo uaireigin

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Bàgh Gheàrrloch

ROS: Geàrrloch

1920an

cairtean-puist; calachan; Baile Lùib; An Lòn Mòr; Baile Ghobhainn; Mial; Uachdar Chàirn; tuineachaidhean; croitearachd; iasgach; eisirean; maorach; bailtean-turasachd; A' Bhanrigh Bhictòria; tràighean; bàtaichean-smùide; goilf; Tòrasdal

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection