Ùrachadh mu Dheireadh 19/09/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Aig Geàrrloch
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0463
ÀITE
Geàrrloch
SGÌRE
Geàrrloch
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Geàrrloch
LINN
1920an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32390
KEYWORDS
cairtean-puist
calaidhean
Baile Lùib
An Lòn Mòr
Baile Ghobhainn
Mial
Uachdar Chàirn
croitearachd
iasgach
eisirean
maorach
bailtean-turasachd
A' Bhanrigh Bhictòria
taighean-òsta
goilf
At Gairloch

Sa chairt-phuist seo tha sealladh 'aig Geàrrloch' a' coimhead a-null an cladach a tuath den Loch Gheàrr. Tha Geàrrloch a' ciallachadh loch goirid.

Chan eil fada bho chaidh na tuineachaidhean fa leth air cladach an locha - An Lòn Mòr, Baile Ghobhainn, Mial, An Srath, Uachdar Chàirn agus Baile Lùib - ainmeachadh còmhla mar Gheàrrloch.

Suas gu 1843, nuair a chaidh an rathad a thogail, b' ann bhon mhuir bu mhotha a bha cothrom air faighinn dhan àite iomallach seo.
'S ann a mhàin an-dràsta, aig toiseach an 21d linn, a thathar a' leasachadh an A832 bho rathad singilte le àitean dol-seachad gu rathad dùbailte.

B' ann air croitearachd agus iasgach, gu sònraichte iasgach an truisg, a bhiodh a' choimhearsnachd sgapte seo an crochadh. Bhiodh eisirean agus maorach eile air an glacadh cuideachd airson margaidh Lunnainn. Bidh crùbagan, giomaich agus muasgain-chaola air an cur fhathast bho Gheàrrloch gu margaidhean aig deas agus san Roinn Eòrpa.

'S ann mar bhaile turasachd as fheàrr a dh'aithnichear Geàrrloch ged-tà. Thadhail a' Bhanrigh Bhictòria air Geàrrloch ann an 1877 's i a' fuireach aig Taigh-òsta Loch Ma-Ruibhe a tha faisg air làimh, agus on uair sin tha luchd-turais air a bhith a' tighinn ann a mhealtainn nan tràighean brèagha agus nan seallaidhean mìorbhaileach. Bhiodh bàtaichean-smùide a' tadhal gu cunbhalach san naoidheamh linn deug agus bhiodh Taigh-òsta Gheàrrloch a' frithealadh do dh'fheumalachd an luchd-tadhail. Chaidh raon-goilf fhosgladh ann an 1898.

An-diugh tha taighean-òsta agus taighean-seinnse, taighean-còmhnaidh beaga fèin-fhrithealaidh agus pàircean charabhanaichean ann. Tha an sgìre gu sònraichte tarraingeach do luchd-coiseachd chnoc agus luchd-amhairc fiadh-bheatha.
A dh'aindeoin na bhios a' tighinn dhan àite as t-samhradh bidh daoine a' faireachdainn gu bheil iad ann an àite iomallach agus air òir fàsaich neo-mhillte

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Aig Geàrrloch

ROS: Geàrrloch

1920an

cairtean-puist; calaidhean; Baile Lùib; An Lòn Mòr; Baile Ghobhainn; Mial; Uachdar Chàirn; croitearachd; iasgach; eisirean; maorach; bailtean-turasachd; A' Bhanrigh Bhictòria; taighean-òsta; goilf

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection