Ùrachadh mu Dheireadh 27/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Loch Ma-Ruibhe agus Sleaghach
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0466
ÀITE
Loch Ma-Ruibhe
SGÌRE
Geàrrloch
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Geàrrloch
LINN
1920an; 1930an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32393
KEYWORDS
cairtean-puist
lochan
beanntan
Loch Maree and Ben Slioch

Tha seo air aon de chòig seallaidhean bho litir-chairt de Gheàrrloch. Tha e a' sealltainn Loch Ma-Ruibhe agus Sleaghach.

Tha Loch Ma-Ruibhe air aon de na lochan as bòidhche an Alba. Suidhichte ann an Ros an Iar, uile thimcheall air tha cuid de na beanntan as eireachdaile san dùthaich. Tha Sleaghach a' toirt buaidh air a' chladach ear-thuath. Tha iomadh eilean san loch 's mòran dhiubh nan dachaigh shàmhach do na tha air fhàgail de choille-ghiuthais àrsaidh dhùthchasach.

A rèir am "Bathymetrical Survey of the fresh water lochs of Scotland" tha an loch 13½ mìltean a dh'fhaid agus dà mhìle aig an àite as leatha . B' e seann ainm an locha Loch Iùbh agus faodaidh e bhith gun robh Abhainn Iùbh, a tha a' sruthadh à Loch Ma-Ruibhe a-steach don loch-mara Loch Iùbh, uaireigin na phàirt de Loch Ma-Ruibhe air neo gun robh an dà loch da-rìreabh nan aon loch.

Tha Loch Ma-Ruibhe a' gabhail an ainm aige bho Naomh Maelrubha, naomh Eireannach a thàinig a dh'Alba ann an 671AD agus a stèidhich eaglais sa Chomraich mus tàinig e gu Loch Ma-Ruibhe far an do stèidhich e eaglais eile air aon de na h-eileanan air an tugadh an uair sin an t-ainm Eilean Ma-Ruibhe

An-diugh 's iad na trì lochan mòra agus an ceathrad loch nas lugha Teàrmann Nàdair Nàiseanta Eileanan Loch Ma-Ruibhe.

Tha Sleaghach na beinn fìor dhrùidhteach. Tha i 3210 troigh (981 meatair) a dh'àird 's i na tùrr os cionn a' phìos as doimhne de Loch Ma-Ruibhe ach ged a thà, chan eil innte ach bloigh den àird a bh'innte roimhe. 'S e gneiss ghlas a th' anns an earrainn as ìsle agus clach-ghainmhich san earrainn as àirde, air a leigeil às le aibhnichean mòra o chionn milleanan bhliadhnachan. Bha i cho àrd ri 3 mìle (5 cil) mus deach a bleith le eigh-shruthan

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Loch Ma-Ruibhe agus Sleaghach

ROS: Geàrrloch

1920an; 1930an

cairtean-puist; lochan; beanntan

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection