Ùrachadh mu Dheireadh 19/09/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
Flowerdale, Gairloch

Tha seo air fear de chòig seallaidhean bho litir-chairt de Gheàrrloch.

'S e Am Baile Mòr a th' ann.

'S ann sa ghleann bhrèagha seo, beagan a-staigh san tìr bho Bhaile Lùib, cala Gheàrrloch, a tha cathair Clann MhicCoinnich Gheàrrloch, Taigh Dìge nan Gorm Leac.

Sna 1400an bha fearann Gheàrrloch aig Clann MhicLeòid. Phòs Ailean MacLeòid nighean do dh'Alasdair MacCoinnich Chinn Tàile agus bha triùir mhac aca. B' e an dàrna bean aige nighean do MhacLeòid Leòdhais. Thug dà bhràthair do MhacLeòid Leòdhais mionnan nach tigeadh boinne de dh'fhuil MhicCoinnich a-steach air fearann Gheàrrloch. Mhurt iad Ailean agus dithis dhe mhic. Thug a bhanntrach, a chunnaic murt nan daltan aice, na lèintean fuilteach aca don seanair, Alasdair MacCoinnich. Chuir esan a mhac fhèin, Eachann Ruadh, a thoirt iomradh air na thachair do Rìgh Sheumas IV. Bhuilich an rìgh "commission of fire and sword" air Eachann an aghaidh nan Leòdach agus Còir-sgrìobhte a' Chrùin air fearann Gheàrrloch leis an deit 1494. Chaidh na murtairean a mharbhadh an dèidh sin. Dh'fhan cuid de na Leòdaich anns an dùn bheag air a' chladach ri làimh ach mu dheireadh chaidh am marbhadh le Eachann Ruadh 's e faighinn dìoghaltas airson bàs balaich bheag a pheathar.

Lean còmhstri eadar Clann MhicLeòid agus Clann Choinnich. Tha e air aithris gum faca fear de Chlann MhicCoinnich bàta Leòdach a' tighinn a-steach don bhàgh agus gun do thilg e saighead air an neach-faire a bha shuas air a' chrann bho mhullach an taighe aige, astar leth mìle.

B' e An Taigh Dìge a bh' air a' chiad taigh aig Geàrrloch. Bha e ann an glaic fon an taigh mhòr a th' ann an-diugh agus bha dìg uisge agus drochaid-tharraingeach aige.

Chaidh taigh an là an-diugh a thogail ann an 1738 airson Sir Alasdair MhicCoinnich agus b' e a' chiad taigh san sgìre air an robh mullach sglèata. Thugadh Taigh Dìge nan Gorm Leac air an uair sin air sgàth nan leacan gorma sglèata. Chaidh a leudachadh ann an 1904 le Anndra Maitland & a Mhic.

Ann an 1745 thug caiptean luing-cogaidh a bha a' sireadh a' Phrionnsa Theàrlaich cuireadh don mhorair a thighinn air bòrd. Dh'iarr am morair a leisgeul 's e a' gabhail biadh le aoighean air mullach creige àird, Creag a' Chait, air cùl Taigh na Dìge, ach dh'iarr e air a' chaiptean a thighinn còmhla riutha. Mar fhreagairt fhuair an taigh braidseal, 's ball-chanain a' dol an sàs ann an ceann an taighe.

Bha Frisealach Foithir air a chur am falach greis ann an cùl falaichte san taigh, 's e a' teicheadh an dèidh Chùil Lodair.

San t-Sultain 1921 bha am Prìomhaire, Daibhidh Lloyd George, a' fuireach aig Taigh Dìg nan Gorm Leac nuair a chuala e gun robh Èirinn air cùl a chur ris an Rìgh agus an Ìompaireachd. Ghairm e an Caibineat aig Inbhir Nis, an aon uair riamh a choinnich e taobh a-muigh Lunnainn.

Ann an 1922 sgrìobh Osgood MacCoinnich, a bha de shliochd Eachainn, gun do mhol luchd-turais a chunnaic an sgaoilteach de lusan fiadhaich anns A' Bhaile Mhòr bhrèagha gum bu chòir Flowerdale a thoirt air ach fhad 's is maireann esan nach d' fhuair an taigh riamh ach An Taigh Dìge agus am baile, Am Baile Mòr

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Am Baile Mòr, Geàrrloch

ROS: Geàrrloch

1920an; 1930an

cairtean-puist; glinn; Clann MhicCoinnich; taighean mòra; Macleòid; murtan; commission of fire and sword;Còir-sgrìobhte a' Chrùin; Seumas IV; Eachann Ruadh; Anndra Maitland; Am Prionnsa Teàrlach; Creag a' Chait; Frisealach Foithir; Lloyd George; Caibineat

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection