Ùrachadh mu Dheireadh 27/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Bàgh Gheàrrloch, Sealladh den Eilean Sgitheanach air Fàire
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0468
ÀITE
Geàrrloch
SGÌRE
Geàrrloch
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Geàrrloch
LINN
1920an; 1930an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32395
KEYWORDS
cairtean-puist
tràighean
lochan
acarsaidean
iachtaichean
eileanan
Tòrasdal
Thor
Lochlannaich
bàtaichean-smùide
Gairloch Bay View of Isle of Skye in Distance

Tha seo air aon de chòig seallaidhean bho litir-chairt de Gheàrrloch.

Tha e a' sealltainn Bàgh Gheàrrloch, le sealladh den Eilean Sgitheanach air fàire, bho os cionn tràigh òr-bhuidhe Gheàrrloch. Tarsainn a' bhàigh, air cladach a deas Loch Gheàrrloch, tha grunn eileanan nan acarsaid do bhàtaichean-iasgaich agus iachtaichean.

'S e Eilean Thòrasdail an t-eilean as motha. Tha an t-ainm a' tighinn bho Thor, dia an tàirneanaich aig na Lochlannaich, agus tha e na chuimhneachan gun robh smachd aig na Lochlannaich air a' chosta seo uaireigin.

Tha bàta-smùide air acair sa bhàgh. Tha Geàrrloch na bhaile-turasachd ainmeil. Thadhail a' Bhanrigh Bhictòria air Geàrrloch ann an 1877 's i a' fuireach aig Taigh-òsta Loch Ma-Ruibhe a bha faisg air làimh agus on uair sin tha luchd-turais air a bhith a' tighinn a mhealtainn nan tràighean brèagha agus nan seallaidhean mìorbhaileach. Bhiodh bàtaichean-smùide a' tadhal gu cunbhalach anmoch san naoidheamh linn deug agus tràth san fhiceadamh linn.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Bàgh Gheàrrloch, Sealladh den Eilean Sgitheanach air Fàire

ROS: Geàrrloch

1920an; 1930an

cairtean-puist; tràighean; lochan; acarsaidean; iachtaichean; eileanan; Tòrasdal; Thor; Lochlannaich; bàtaichean-smùide

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection