Ùrachadh mu Dheireadh 19/09/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Geàrrloch
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0469
ÀITE
Geàrrloch
SGÌRE
Geàrrloch
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Geàrrloch
LINN
1960an
CRUTHADAIR
J Valentine & Co.
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32396
KEYWORDS
cairtean-puist
taighean-òsta
luchd-turais
A' Bhanrigh Bhictòria
Loch Ma-Ruibhe
Taigh Dìge nan Gorm Leac
Clann MhicCoinnich
Baile Lùib
Clann Mhicleòid
Leòdaich
Taigh Dìge
Gairloch

Tha còig seallaidhean air a' chairt-phuist seo bho mun cuairt air Geàrrloch: Taigh-òsta Gheàrrloch; na h-eileanan; Sleaghach agus Loch Ma-Ruibhe; Am Baile Mòr bho oifis a' phuist; Geàrrloch bho os cionn an taigh-òsta; an tràigh

Tha Geàrrloch ann an Ros an Iar air cladach Loch Gheàrrloch. Tha Geàrrloch a' ciallachadh loch goirid.

B' ann air croitearachd agus iasgach a bha na coimhearsnachdan sgapte air cladach an locha an crochadh. Canar Geàrrloch ri na bailtean còmhla.

'S ann mar bhaile turasachd as fheàrr a dh'aithnichear Geàrrloch. Thogadh Taigh-òsta Gheàrrloch ann an 1872 agus bha gàrraidhean aige, taighean-glainne agus uidheam-snàimh air an tràigh. Thadhail a' Bhanrigh Bhictòria air Geàrrloch ann an 1877 's i a' fuireach ann an Taigh-òsta Loch Ma-Ruibhe a bha faisg air làimh agus thug seo air luchd-turais tighinn an tòir air èadhar ghlan, seallaidhean brèagha agus cur-seachadan a-muigh

Tha tràighean òr-bhuidhe Gheàrrloch air leth cliùiteach. Aig ceann thall na tràghad air rubha beag creagach tha na ballachan ìseal aig dùn Cruithneach 's iad air an còmhdachadh le feur.

Tha Sleaghach (3210 troighean) a' toirt buaidh air Loch Ma-Ruibhe brèagha aig a bheil mòran eileanan air an còmhdachadh leis na tha air fhàgail de choilltean giuthais àrsaidh. Tha an loch air ainmeachadh air Naomh Maelrubha a stèidhich eaglais air aon de na h-eileanan, agus tha iomadach miotas agus uirsgeul ann mu thimcheall.

Tha Am Baile Mòr na ghleann dìreach a-staigh air an tìr bho chala Gheàrrloch aig Baile Lùib. Tha cathair Clann MhicCoinnich Gheàrrloch an seo ann an Taigh Dìge nan Gorm Leac.

Bha fearrann Gheàrrloch aig Clann MhicLeòid uaireigin, agus tha eachdraidh de chostrì, murt agus foill eadar na Leòdaich agus Clann MhicCoinnich. Chaidh an taigh a th' ann an-diugh a thogail ann an 1738 airson Sir Alasdair MhicCoinnich, an naoidheamh morair agus an dàrna tighearna air Geàrrloch. 'S e Taigh Dìge nan Gorm Leac a thugadh air an uair sin agus chanadh iad Gleann a' Bhaile Mhòir ris a' ghleann. Tha sgaoilteach de lusan a' fàs an seo agus 's e sin an t-adhbhar gun canar 'Flowerdale' ris sa Bheurla

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Geàrrloch

ROS: Geàrrloch

1960an

cairtean-puist; taighean-òsta; luchd-turais; A' Bhanrigh Bhictòria; Loch Ma-Ruibhe; Taigh Dìge nan Gorm Leac; Clann MhicCoinnich; Baile Lùib; Clann Mhicleòid; Leòdaich; Taigh Dìge

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection