Ùrachadh mu Dheireadh 19/09/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Tè mhòr à Geàrrloch
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0470
ÀITE
Geàrrloch
SGÌRE
Geàrrloch
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Geàrrloch
LINN
1960an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32397
KEYWORDS
cairtean-puist
An Srath
croitearachd
fadhlainnean
Fuadaichean
Badhais Bheinn
Beinn Ailiginn
Toirbheartan
Corbettan
Rothaich
taighean-òsta
A' Bhanrigh Bhictòria
Cruithnich
dùin
eaglaisean
Matthews agus Lawrie
A Double Scotch from Gairloch

Air a ' chairt-phuist seo bho na 1960an tha ceithir seallaidhean bho mun cuairt air Geàrrloch: Badhais Bheinn agus Beinn Ailiginn bhon t-Srath; Taigh-òsta Gheàrrloch; tràigh òr-bhuidhe Gheàrrloch; Bàgh Gheàrrloch.

Tha An Srath na bhaile croitearachd ann an Ros an Iar. Tha e air fear de ghrùnn choimhearsnachdan beaga air cladach Loch Gheàrrloch is chan eil fada bho thugadh Geàrrloch orra còmhla. Aig àm nam fuadaichean chaidh daoine a ghluasad bho na glinn a-staigh air an tìr gus àite a dhèanamh do chaoraich. Chaidh àite tuineachaidh a thoirt dhaibh air a' chosta. Aig An t-Srath thug fadhlainn fearann còmhnard dhaibh airson teachd-an-tìr agus bha iad cuideachd ri iasgach.

Ag èirigh air cùl tràigh bhrèagha Gheàrrloch tha a dhà de bheanntan Thoirbheartan, Badhais Bheinn agus Beinn Ailiginn.

Tha Badhais Bheinn [2870 troigh (875 meatairean)] na Chorbett - beinn eadar 2500 troigh agus 2999 troighean. Mar as trice canar gur e beinn a' bhuidsich a tha e a' ciallachadh.

Tha Beinn Àiliginn na Rothach - beinn os cionn 3000 troigh. Mar as trice canar gur e seud a tha e a' ciallachadh agus tha dà mhullach aice, Sgùrr Mhòr 3231 troighean (985 meatairean) agus Tom na Gruagaich, 3018 troighean (920 meatair).

'S ann mar bhaile turasachd as fheàrr a dh'aithnichear Geàrrloch. Thogadh Taigh-òsta Gheàrrloch ann an 1872 agus bha gàrraidhean aige, taighean-glainne agus uidheam-snàimh air an tràigh. Thadhail a' Bhanrigh Bhictòria air Geàrrloch ann an 1877 's i a' fuireach ann an Taigh-òsta Loch Ma-Ruibhe a bha faisg air làimh agus thug seo air luchd-turais tighinn an tòir air èadhar ghlan, seallaidhean brèagha agus cur-seachadan a-muigh.

Tha tràighean òr-bhuidhe Gheàrrloch air leth cliùiteach. Aig ceann thall na tràghad air rubha beag creagach tha na ballachan ìseal aig dùn Cruithneach 's iad air an còmhdachadh le feur. A' coimhead sìos air an tràigh tha an Eaglais Shaor a chaidh a dhealbhadh le Matthews agus Lawrie agus a thogail ann an 1878

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Tè mhòr à Geàrrloch

ROS: Geàrrloch

1960an

cairtean-puist; An Srath; croitearachd; fadhlainnean; Fuadaichean; Badhais Bheinn; Beinn Ailiginn; Toirbheartan; Corbettan; Rothaich; taighean-òsta; A' Bhanrigh Bhictòria; Cruithnich; dùin; eaglaisean; Matthews agus Lawrie

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection