Ùrachadh mu Dheireadh 19/09/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
The Gairloch to Ullapool Route

Air a' chairt-phuist seo tha naoi seallaidhean air an t-slighe bho Gheàrrloch a dh'Ulapul: Loch Ma-Ruibhe à Tollaidh; Rathad na Bochdainn; Bàgh Ghruinneart; Monadh a' Chàirn Mhòir; Abhainn Ghruinneart; Mullaich an Teallaich; Loch Iùbh à Inbhir Iùbh; beinn is monadh; Sàil Mhòr agus An Teallach

Tha an sealladh bho Thollaidh a' coimhead dhan ear-dheas gu Loch Ma-Ruibhe air fear de na seallaidhean as brèagha ann an Ros an Iar. Tha Sleaghach (a' ciallachadh sleagh) aig 3210 troighean (981 meatairean) a' toirt buaidh air an loch àlainn seo. Tha na h-eileanan lìonmhor air an còmhdachadh leis na tha air fhàgail de sheann choilltean giuthais dùthchasach. Tha an loch air ainmeachadh air Naomh Maelrubha a stèidhich eaglais air aon de na h-eileanan, agus tha iomadach miotas agus uirsgeul ann mu thimcheall.

'S e Rathad na Bochdainn an rathad aonaranach tarsainn a' mhonaidh eadar Geàrrloch agus Ulapul. Anns na 1840an bha bochdainn uabhasach air Ghàidhealtachd. Dh'fhàg gort a' bhuntàta ann an 1846 na daoine gun bheathachadh. Chaidh Am Bòrd airson Bochdainn air Ghàidhealtachd a chur air bhonn agus dh'fhaodadh fir obair a dhèanamh a' togail rathaidean gus biadh a chosnadh.

Tha Bàgh Ghruinneart na gheodha mara air costa Rois an Iar. Tha tràigh bhrèagha ghainmhich ann. 'S e facal Lochlannach a th' ann an Gruinneart, a' ciallachadh uaine neo bàgh aodomhainn. Tha e an dà chuid. Ann an 1942 bha Gruinneart na àite dearbhaidh airson bhall-airm bith-eòlach a' cleachdadh antrags a mhaireas beò san talamh airson iomadach bliadhna. B' ann a mhàin ann an 1990, an dèidh corra oidhirp air a ghlanadh, a chaidh an t-eilean a ghairm sàbhailte. A-nis tha caoraich a tha air an cumail air an eilean a' fuireach saor bho antrags.

Tha An Càrn Mòr, no Monadh a' Chàirn Mhòir, uaigneach. Canar Coille Innis an Iasgaich ris cuideachd agus gu tric 's e Am Fàsach Mòr a th'aig daoine air. 'S e an cnoc beag le mullach còmhnard gu clì air a' mheadhan anns an dealbh Sgùrr na Locainn, no na Loacainn.

Tha Abhainn Ghruinneart a' sruthadh airson mu 4 mìle bho Loch na Seilg gu Bàgh Ghruinneart. Tha i ainmeil airson iasgach bhradain.

Tha An Teallach, (a' cheàrdach) air tè de Bheanntan mòra Thoirbheartan. 'S e Rothach a th' innte - beinn os cionn 3000 troigh - agus tha dà mhullach oirre. Tha Bidein a' Ghlas Thuill 3484 troighean (1062 mheatair) agus tha Sgùrr an Fhìona 3378 troighean (1060 meatair).

Tha Loch Iùbh na loch mara air costa Rois an Iar. Aig ceann an locha tha baile Poll Iùbh agus Gàrraidhean Inbhir Iùbh. Mar thoradh air buaidh bhlàth Sruth a' Chamais tha mòran lusan fo-thropaigeach a' fàs an seo. Aig àm an Dàrna Cogaidh bha Loch Iùbh na ionad airson an nèibhidh agus na àite cruinneachaidh ro-chudromach airson luing-dhìon an Atlantaig a Tuath.

Tha Sàil Mhòr (cnap bròige mòr) air tè de na Corbettan as lugha. 'S e Corbett beinn eadar 2500 agus 2999 troighean. Tha Sàil Mhòr 2516 troighean (767 meatairean) agus tha i air oir buidheann An Teallaich

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

An t-Slighe bho Gheàrrloch a dh'Ulapul

ROS: Geàrrloch

1960an

Sleaghach; Naomh Maelrubha; coilltean giuthais; gort; bochdainn; antrags; An Càrn Mòr; Innis an Iasgaich; Locainn; Loch na Seilg; Toirbheartan; Bidein a' Ghlas Thuill; Sgùrr an Fhìona; Poll Iùbh; Inbhir Iùbh; ionadan nèibhidh; luing-dhìon; Sàil Mhòr

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection