Ùrachadh mu Dheireadh 27/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Geàrrloch
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0473
ÀITE
Geàrrloch
SGÌRE
Geàrrloch
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Geàrrloch
LINN
1980an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32400
KEYWORDS
cairtean-puist
A' Bhanrigh Bhictòria
Loch Ma-Ruibhe
Sleaghach
Naomh Maelrubha
Cruithnich
dùin
Bad a' Chròtha
iasgach
Gairloch

Air a' chairt-phuist seo tha ceithir seallaidhean bho mun cuairt air Geàrrloch: An Tràigh; Loch Ma-Ruibhe; Bàgh Bad a' Chròtha; Bàgh Gheàrrloch

Tha tràigh òr-bhuidhe Gheàrrloch air leth cliùiteach agus tha Geàrrloch na bhaile turasachd trang. Thadhail a' Bhanrigh Bhictòria air Geàrrloch ann an 1877 's i a' fuireach aig Taigh-òsta Loch Ma-Ruibhe a bha faisg air làimh agus thug seo air luchd-turais tighinn an tòir air èadhar ghlan, seallaidhean brèagha agus cur-seachadan a-muigh.

Tha Sleaghach (3210 troighean) a' toirt buaidh air Loch Ma-Ruibhe brèagha aig a bheil mòran eileanan air an còmhdachadh leis na tha air fhàgail de choilltean giuthais àrsaidh. Tha an loch air ainmeachadh air Naomh Maelrubha a stèidhich eaglais air aon de na h-eileanan, agus tha iomadach miotas agus uirsgeul ann mu thimcheall.

Air rubha creagach air tràigh Gheàrrloch tha na ballachan ìseal aig dùn Cruithneach àrsaidh 's iad air an còmhdachadh le feur. Tarsainn a' bhàigh tha Taigh-òsta Gheàrrloch a chaidh a thogail ann an 1872 's aig an robh gàrraidhean, taighean glainne agus inneal snàimh air an tràigh. Seachad air sin tha cuid de na coimhearsnachdan sgapte ris an canar Geàrrloch còmhla.

Tha clachan Bad a' Chròtha suidhichte gu h-eireachdail air geodha air an Loch Gheàrr. Tha am bàgh a' faighinn fasgadh bho ghrùnn eileanan agus tha e na acarsaid sàbhailte do bhàtaichean-iasgaich agus gheataichean. Aig deireadh an naoidheamh linn deug bha Bad a' Chròtha na bhaile iasgaich trang. Tha giomaich, crùbagan agus muasgain chaola fhathast air an cur air tìr an seo 's air an cur gu maragaidhean aig deas agus san Roinn Eòrpa

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Geàrrloch

ROS: Geàrrloch

1980an

cairtean-puist; A' Bhanrigh Bhictòria; Loch Ma-Ruibhe; Sleaghach; Naomh Maelrubha; Cruithnich; dùin; Bad a' Chròtha; iasgach

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection