Ùrachadh mu Dheireadh 19/09/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Taigh-òsta Gheàrrloch
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0474
ÀITE
Geàrrloch
SGÌRE
Geàrrloch
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Geàrrloch
LINN
1960an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32401
KEYWORDS
cairtean-puist
taighean-òsta
Anndra Maitland
Ros agus MacBheatha
lochan
tràighean
gàrraidhean
taighean-gloinne
luchd-turais
Bhictòrianaich
A' Bhanrigh Bhictòria
uidheaman-snàimh
Gairloch Hotel

Tha seo air aon de chòig seallaidhean bho litir-chairt de Gheàrrloch.

Tha e a' sealltainn Taigh-òsta Gheàrrloch.

Tha Taigh-òsta Gheàrrloch air cladach Loch Gheàrrloch, dìreach tarsainn an rathaid bhon tràigh, le seallaidhean iongantach a-null dhan Eilean Sgitheanach. Air latha soilleir chithear cuideachd Na Hearadh.

Chaidh an togalach drùidhteach seo air stoidhle Seumasach a dhealbhadh le Anndra Maitland 's chaidh a thogail ann an 1872. Chaidh a leudachadh ann an 1880 le Anndra Maitland 's a Mhac agus a-rithist ann an 1896 le Ros agus MacBheatha.

Nuair a chaidh a thogail an toiseach bha gàrraidhean agus taighean-gloinne aig an taigh-òsta anns an robh iomadh seòrsa glasraich, measan agus flùraichean a- fàs. Bha gach cofhurtachd aige airson an luchd-turais Bhictòrianaich thràth 's am measg sin uidheam-snàimh air an tràigh. Thàinig iad an tòir air èadhar slàinteachail agus cur-seachadan a-muigh 's iad air am brosnachadh leis a' Bhanrigh Bhictòria a bhith a' tadhal air a' Ghàidhealtachd. Thadhail a' Bhanrigh air Geàrrloch ann an 1877 nuair a dh'fhuirich i ann an Taigh-òsta Loch Ma-Ruibhe a bha faisg air làimh

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Taigh-òsta Gheàrrloch

ROS: Geàrrloch

1960an

cairtean-puist; taighean-òsta; Anndra Maitland; Ros agus MacBheatha; lochan; tràighean; gàrraidhean; taighean-gloinne; luchd-turais; Bhictòrianaich; A' Bhanrigh Bhictòria; uidheaman-snàimh

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection