Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Agallamh le Avril Watt mu mhuinntir nan seirbheisean ann an Ceann Loch Lìobhain
EXTERNAL ID
WD_HF07_TRACK02_WATT
ÀITE
Ceann Loch Lìobhann
SGÌRE
Ceann a Tuath Latharna
SIORRACHD/PARRAIST
EARRA-GHÀIDHEAL: Liosmòr 's An Apainn
DEIT
2005
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Avril Watt
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile agus Luchd-rannsachaidh a' Chogaidh
AITHNEACHADH MAOINE
3241
KEYWORDS
An Dara Cogadh
An Dàrna Cogadh
eich
Arm Innseanach
gunnaichean mòra
claistinneach

Get Adobe Flash player

Tha cuimhn' aig Avril Watt gu robh mòran shaighdearan ann a' dìon factaraidh an aluminium ann an Ceann Loch Lìobhain san Dàrna Cogadh.

An robh fios agaibh gun robh feachd mhòr, mhòr, mhòr an seo a' dìon an fhactaraidh? An robh fios agaibh? Feachd mhòr agus bha - Tha tulach mòr, eil fhios agaibh far a bheil am Bridgend? Uill, tha tulach mòr ann an siud, agus ma bhios tu ga shreap, chì thu fhathast bonn-stèidh a' ghunna AKAK mhòir. Tha cearcall mòr, mòr ann far an robh e na shuidhe.

Peigi Spence: Bha gunna mòr AKAK a-muigh aig a ' Macdonald Hotel'.

Agus ma shuidheas tu, faodaidh tu seasamh an sin. A nise, bhiodh an gunna a' tionndadh mun cuairt. Cha robh craobhan idir ann agus chitheadh iad fad an rathad sìos an locha agus chitheadh iad nan tigeadh plèanaichean Gearmailteach suas. Air fìor-mhullach an tulaich tha bonn-stèidh mòr eile ann agus bha an solas-siridh na shuidhe an siud. 'S mar sin dh'fhaodadh iad an solas-siridh a dheàrrsadh fad an rathad sìos an loch agus an gunna air a threanadh an aon rathad. Bha gunna AKAK mòr ann far a bheil Taigh-òsta MhicDhòmhnaill an-diugh. Bha dà shloc mòr ann agus pocannan gainmhich timcheall air an oir gu lèir agus sgrathan air mullach sin agus bha na saighdearan gu lèir shìos san t-sloc. Bha fear air mullach an tulaich bhig air cùl fasgadh nam busaichean; bha fear an sin. Bha dhà dhiubh ann am Pàirc taobh na h-aibhne, Riverside Park. Bha iad ann fad an rathad suas dhan dam.

Agus bha saighdearan Ìnnseanach againn an seo, às India. Agus 's ann acasan a bha na h-eich agus na h-asail gu lèir. Agus dheidheadh na h-asail sìos dhan chidhe agus thogadh iad a h-uile rud a bha na saighdearan ag iarraidh bho na bàtaichean agus shiubhaileadh iad fad an rathad suas dhan dam leis a' bhiadh gu leir agus an armachd, peilearan is rudan diofraichte mar sin. Agus cuideachd bhiodh - dh'fhuirich iadsan shuas aig a' Mhàmor - chaidh sin a ghabhail thairis le muinntir an airm Ìnnseanaich agus sin far na dh'fhuirich iad agus bha na h-eich a bu bhrèagha a-riamh aca agus tha cuimhn' agam nuair a bha mi beagan na b' òige na tha thu fhèin an-dràsta a' dol sìos gu Pàirc na h-Aibhne agus bhiodh iad a' dèanamh taisbeanadh iongantach leis na h-eich seo gu lèir a' leum tro chearcallan de theine. Agus gu fìrinneach 's e prionnsa a bh' anns a' chaiptean aig an sgioba Ìnnseanach seo, ach cha b' urrainn dha - cha robh an tiotal aige nuair a bha e an seo, cha robh ann ach caiptean.

Chaidh an t-agallamh seo a chlàradh mar phàirt de phròiseact 'Maoir rannsachaidh a' Chogaidh' ann an 2005 ann am Bun-sgoil Cheann Loch Lìobhann.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Agallamh le Avril Watt mu mhuinntir nan seirbheisean ann an Ceann Loch Lìobhain

EARRA-GHÀIDHEAL: Liosmòr 's An Apainn

2000an

An Dara Cogadh; An Dàrna Cogadh; eich; Arm Innseanach; gunnaichean mòra; claistinneach

Am Baile agus Luchd-rannsachaidh a' Chogaidh

War Detectives (interviews)