Ùrachadh mu Dheireadh 27/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Sìldeag, Geàrrloch
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0484
ÀITE
Sìldeag
SGÌRE
Loch Carrann
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: A' Chomraich
LINN
1910an; 1920an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32411
KEYWORDS
cairtean-puist
lochan
loidsichean seilg
taighean-òsta
iachtaichean
A' Bhanrigh Bhictòria
luchd-turais
Toirbheartan
Shieldaig, Gairloch

Air a' chairt-phuist seo bho thràth san fhicheadamh linn tha Sìldeag, Geàrrloch

Tha Loch Shìldeig na bàgh beag fasgach air Loch Gheàrrloch. 'S e an togalach aig ceann shuas an locha Loidse Shìldeig, loidse seilg Bhictòrianach a tha a-nis na thaigh-òsta. Ri làimh tha clachan beag Sìldeag. Tha dà iachta air acair sa bhàgh.

Thadhail A' Bhanrigh Bhictòria air an sgìre ann an 1877 agus dh'fhuirich i aig taigh-òsta Loch Ma-Ruibhe a tha faisg air làimh. Bhon uair sin tha luchd-turais air a bhith a' tighinn a mhealtainn nan tràighean brèagha agus nan seallaidhean iongantach. Anmoch san naoidheamh linn deug agus tràth san fhicheadamh linn bhiodh bàtaichean smùide le luchd-siubhail a' tadhal gu cunbhalach air a' chosta seo 's iomadh acarsaid àlainn, sàbhailte ann.

Tha Sìldeag eile ann a tha nas motha, 12 mhìle gu deas, agus tha Loch Shìldeig nas motha ann, bàgh air Loch Thoirbheartan

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sìldeag, Geàrrloch

ROS: A' Chomraich

1910an; 1920an

cairtean-puist; lochan; loidsichean seilg; taighean-òsta; iachtaichean; A' Bhanrigh Bhictòria; luchd-turais; Toirbheartan

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection