Ùrachadh mu Dheireadh 27/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Bàgh Gheàrrloch a' coimhead a-null dhan Eilean Sgitheanach
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0487
ÀITE
Geàrrloch
SGÌRE
Geàrrloch
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Geàrrloch
LINN
1910an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32414
KEYWORDS
cairtean-puist
lochan
Bhictòrianaich
bailtean turasachd
Thòrasdail
Thor
Lochlannach
Lochlannaich
Trondairnis
An t-Eilean Sgitheanach
Gairloch Bay looking towards Skye

Tha Geàrrloch ann an Ros an Iar air cladach Loch Gheàrrloch. Tha Geàrrloch a' ciallachadh loch goirid. Bho linn Bhictòria tha Geàrrloch air a bhith na bhaile-turasachd trang.

Tha an sealladh seo tarsainn an locha chun a' chladaich a deas far a bheil grunn eileanan nan acarsaid shàbhailte do bhàtaichean-iasgaich agus gheataichean. 'S e an t-eilean as motha Eilean Thòrasdail. Tha an t-ainm a' tighinn bho Thor, dia Lochlannach an tàirneanaich, agus tha e na chuimhneachan gun robh smachd aig na Lochlannaich air a' chosta seo uaireigin.

Air fàire tha Rubha Throndairnis ann an ear-thuath an Eilein Sgitheanaich. An seo tha stùcan casa bhasailt Bearradh Throndairnis, a tha cliùiteach airson a chuid chreagan agus bideanan, ag èirigh gu os cionn 2363 troighean (719 meatairean)

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Bàgh Gheàrrloch a' coimhead a-null dhan Eilean Sgitheanach

ROS: Geàrrloch

1910an

cairtean-puist; lochan; Bhictòrianaich; bailtean turasachd; Thòrasdail; Thor; Lochlannach; Lochlannaich; Trondairnis; An t-Eilean Sgitheanach

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection

Tha Geàrrloch ann an Ros an Iar air cladach Loch Gheàrrloch. Tha Geàrrloch a' ciallachadh loch goirid. Bho linn Bhictòria tha Geàrrloch air a bhith na bhaile-turasachd trang.<br /> <br /> Tha an sealladh seo tarsainn an locha chun a' chladaich a deas far a bheil grunn eileanan nan acarsaid shàbhailte do bhàtaichean-iasgaich agus gheataichean. 'S e an t-eilean as motha Eilean Thòrasdail. Tha an t-ainm a' tighinn bho Thor, dia Lochlannach an tàirneanaich, agus tha e na chuimhneachan gun robh smachd aig na Lochlannaich air a' chosta seo uaireigin. <br /> <br /> Air fàire tha Rubha Throndairnis ann an ear-thuath an Eilein Sgitheanaich. An seo tha stùcan casa bhasailt Bearradh Throndairnis, a tha cliùiteach airson a chuid chreagan agus bideanan, ag èirigh gu os cionn 2363 troighean (719 meatairean)