Ùrachadh mu Dheireadh 19/09/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Bàgh Gheàrrloch
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0490
ÀITE
Geàrrloch
SGÌRE
Geàrrloch
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Geàrrloch
LINN
1930an; 1940an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32417
KEYWORDS
cairtean-puist
calaidhean
Am Baile Mòr
Baile Lùib
Alasdair MacCoinnich
Thòrasdail
Thor
Lochlannach
Lochlannaich
Gailoch Bay

Tha a' chairt-phuist seo a' sealltainn Bàgh Gheàrrloch.

Tha Bàgh Gheàrrloch aig ceann Loch Gheàrrloch ann an Ros an Iar. An seo tha bàgh beag fasgach air a bheil Bàgh A' Bhaile Mhòir a tha na chala do Gheàrrloch - chithear an cidhe air an làimh dheis. Tha e air ainmeachadh sa Bheurla air Flowerdale House - 's e sin An Taigh Dìge - a tha faisg air làimh. Chaidh an taigh a thogail do Shir Alasdair MacCoinnich, an naoidheamh morair agus an dàrna baran air Geàrrloch. Air a' chladach tha tuineachadh air a bheil Baile Lùib, a tha air fear de ghrunn thuineachaidhean a th' air a bhith air an ainmeachadh còmhla, bho chionn ghoirid, mar Gheàrrloch.

'S e an sealladh tarsainn an locha an cladach a deas far a bheil grunn eileanan nan acarsaid shàbhailte do bhàtaichean-iasgaich agus gheataichean. 'S e an t-eilean as motha Eilean Thòrasdail. Tha an t-ainm a' tighinn bho Thor, dia Lochlannach an tàirneanaich, agus tha e na chuimhneachan gun robh smachd aig na Lochlannaich air a' chosta seo uaireigin

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Bàgh Gheàrrloch

ROS: Geàrrloch

1930an; 1940an

cairtean-puist; calaidhean; Am Baile Mòr; Baile Lùib; Alasdair MacCoinnich; Thòrasdail; Thor; Lochlannach; Lochlannaich

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection

Tha a' chairt-phuist seo a' sealltainn Bàgh Gheàrrloch.<br /> <br /> Tha Bàgh Gheàrrloch aig ceann Loch Gheàrrloch ann an Ros an Iar. An seo tha bàgh beag fasgach air a bheil Bàgh A' Bhaile Mhòir a tha na chala do Gheàrrloch - chithear an cidhe air an làimh dheis. Tha e air ainmeachadh sa Bheurla air Flowerdale House - 's e sin An Taigh Dìge - a tha faisg air làimh. Chaidh an taigh a thogail do Shir Alasdair MacCoinnich, an naoidheamh morair agus an dàrna baran air Geàrrloch. Air a' chladach tha tuineachadh air a bheil Baile Lùib, a tha air fear de ghrunn thuineachaidhean a th' air a bhith air an ainmeachadh còmhla, bho chionn ghoirid, mar Gheàrrloch. <br /> <br /> 'S e an sealladh tarsainn an locha an cladach a deas far a bheil grunn eileanan nan acarsaid shàbhailte do bhàtaichean-iasgaich agus gheataichean. 'S e an t-eilean as motha Eilean Thòrasdail. Tha an t-ainm a' tighinn bho Thor, dia Lochlannach an tàirneanaich, agus tha e na chuimhneachan gun robh smachd aig na Lochlannaich air a' chosta seo uaireigin