Ùrachadh mu Dheireadh 19/09/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Bàgh Gheàrrloch, Leac na Saighde
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0491
ÀITE
Geàrrloch
SGÌRE
Geàrrloch
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Geàrrloch
LINN
1910an; 1920an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32418
KEYWORDS
cairtean-puist
Leac na Saighde
lochan
tuineachaidhean
Baile Lùib
An Lòn Mòr
Baile Ghobhainn
Mial
Uachdar Chàirn
croitearachd
iasgach
maorach
bailtean-turasachd
A' Bhanrigh Bhictòria
tràighean
bàtaichean-smùide
goilf
Gairloch Bay Lecknasaide

Tha a' chairt-phuist seo a' sealltainn Bàgh Gheàrrloch bho Leac na Saighde.

Tha Loch Gheàrrloch ann an Ros an Iar. Tha Geàrrloch a' ciallachadh loch goirid. Tha an sealladh seo bho Leac na Saighde air cladach a deas an locha a' coimhead a-null dhan chladach a tuath.

Chan eil fada bho chaidh na tuineachaidhean fa leth air cladach an locha - An Lòn Mòr, Baile Ghobhainn, Mial, An Srath, Uachdar Chàirn agus Baile Lùib - ainmeachadh còmhla mar Gheàrrloch.

Suas gu 1843, nuair a chaidh an rathad a thogail, b' ann bhon mhuir bu mhotha a bha cothrom air faighinn dhan àite iomallach seo.
'S ann a mhàin an-dràsta, aig toiseach an 21d linn, a thathar a' leasachadh an A832 bho rathad singilte le àitean dol-seachad gu rathad dùbailte.

B' ann air croitearachd agus iasgach, gu sònraichte iasgach an truisg, a bha a' choimhearsnachd sgapte seo an crochadh. Bhiodh eisirean agus maorach eile air an glacadh cuideachd airson margaidh Lunnainn. Bidh crùbagan, giomaich agus muasgain-chaola air an cur fhathast bho Gheàrrloch gu margaidhean aig deas agus san Roinn Eòrpa.

'S ann mar bhaile turasachd as fheàrr a dh'aithnichear Geàrrloch ged-tà. Thadhail a' Bhanrigh Bhictòria air Geàrrloch ann an 1877 's i a' fuireach aig Taigh-òsta Loch Ma-Ruibhe a tha faisg air làimh, agus on uair sin tha luchd-turais air a bhith a' tighinn ann a mhealtainn nan tràighean brèagha agus nan seallaidhean mìorbhaileach. Bhiodh bàtaichean-smùide a' tadhal gu cunbhalach san naoidheamh linn deug agus bhiodh Taigh-òsta Gheàrrloch a' frithealadh do dh'fheumalachd an luchd-tadhail. Chaidh raon-goilf fhosgladh ann an 1898.

An-diugh tha taighean-òsta agus taighean-seinnse, taighean-còmhnaidh beaga fèin-fhrithealaidh agus pàircean charabhanaichean ann. Tha an sgìre gu sònraichte tarraingeach do luchd-coiseachd chnoc agus luchd-amhairc fiadh-bheatha.
A dh'aindeoin na bhios a' tighinn dhan àite as t-samhradh bidh daoine a' faireachdainn gu bheil iad ann an àite iomallach agus air òir fàsaich neo-mhillte

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Bàgh Gheàrrloch, Leac na Saighde

ROS: Geàrrloch

1910an; 1920an

cairtean-puist; Leac na Saighde; lochan; tuineachaidhean; Baile Lùib; An Lòn Mòr; Baile Ghobhainn; Mial; Uachdar Chàirn; croitearachd; iasgach; maorach; bailtean-turasachd; A' Bhanrigh Bhictòria; tràighean; bàtaichean-smùide; goilf

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection