Ùrachadh mu Dheireadh 19/09/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Tràigh Gheàrrloch
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0493
ÀITE
Geàrrloch
SGÌRE
Geàrrloch
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Geàrrloch
LINN
1930an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32420
KEYWORDS
cairtean-puist
tràighean
lochan
eileanan
Thòrasdail
Thor
Lochlannaich
Lochlannach
Cruithnich
dùin
An Dùn
bailtean-turasachd
Bhictòrianaich
The Sands of Gairloch

Tha a' chairt-phuist seo a' sealltainn Tràigh Gheàrrloch.

Tha Loch Gheàrrloch ann an Ros an Iar. Tha Geàrrloch a' ciallachadh loch goirid.

'S e an sealladh bhon tràigh ghainmhich tarsainn an locha an cladach a deas far a bheil grunn eileanan nan acarsaid sàbhailte do bhàtaichean-iasgaich agus gheataichean. 'S e an t-eilean as motha Eilean Thòrasdail. Tha an t-ainm a' tighinn bho Thor, dia Lochlannach an tàirneanaich, agus tha e na chuimhneachan gun robh smachd aig na Lochlannaich air a' chosta seo uaireigin.

Aig ceann thall na tràghad, air mullach an rubha chreagaich, tha na ballachan ìseal aig dùn Cruithneach beag, An Dùn, 's iad air an còmhdachadh le feur.

Mar thoradh air na tràighean grinne, na seallaidhean àlainn agus an èadhar ghlan tha Geàrrloch air a bhith na bhaile-turasachd trang bho linn Bhictòria

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Tràigh Gheàrrloch

ROS: Geàrrloch

1930an

cairtean-puist; tràighean; lochan; eileanan; Thòrasdail; Thor; Lochlannaich; Lochlannach; Cruithnich; dùin; An Dùn; bailtean-turasachd; Bhictòrianaich

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection