Ùrachadh mu Dheireadh 19/09/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Geàrrloch
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0494
ÀITE
Geàrrloch
SGÌRE
Geàrrloch
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Geàrrloch
LINN
1920an; 1930an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32421
KEYWORDS
cairtean-puist
taighean-òsta
lochan
tràighean
gàrraidhean
taighean-gloinne
luchd-turais
Bhictòrianaich
A' Bhanrigh Bhictòria
uidheaman-snàimh
eaglaisean
Matthews agus Lawrie
Anndra Maitland
dùin
Cruithnich
tuineachaidhe
Charlestown
Lonem
Gairloch

Tha a' chairt-phuist seo a' sealltainn Tràigh Gheàrrloch.

Tha Loch Gheàrrloch ann an Ros an Iar. Tha Geàrrloch a' ciallachadh loch goirid.

Tha an sealladh bhon tràigh bhrèagha ghainmhich. Tha am balla gu clì air rubha creagach air a bheil dùn beag Cruithneach, An Dùn.

Air a' chladach thall 's e an togalach air an làimh dheis an Eaglais Shaor, air a dhealbhachadh le Matthews agus Lawrie agus air a thogail ann an 1878. Air a chùlaibh tha Taigh-òsta Gheàrrloch. Behind it is Gairloch Hotel. Chaidh an togalach drùidhteach seo air stoidhle Seumasach a dhealbhadh le Anndra Maitland 's chaidh a thogail ann an 1872. Chaidh a leudachadh ann an 1880 le Anndra Maitland 's a Mhac agus a-rithist ann an 1896 le Ros agus MacBheatha.

Nuair a chaidh a thogail an toiseach bha gàrraidhean agus taighean-gloinne aig an taigh-òsta anns an robh iomadh seòrsa glasraich, measan agus flùraichean a- fàs. Bha gach cofhurtachd aige airson an luchd-turais Bhictòrianaich thràth 's am measg sin uidheam-snàimh air an tràigh. Thàinig iad an tòir air èadhar slàinteachail agus cur-seachadan a-muigh 's iad air am brosnachadh leis a' Bhanrigh Bhictòria a bhith a' tadhal air a' Ghàidhealtachd. Thadhail a' Bhanrigh air Geàrrloch ann an 1877 nuair a dh'fhuirich i ann an Taigh-òsta Loch Ma-Ruibhe a bha faisg air làimh.

Air fàire, 's iad nan sreath ris a' chladach tha na tuineachaidhean Uachdar Chàirn, An Srath, Baile Ghobhainn, Mial agus An Lòn Mòr, agus cuide ri Baile Lùib, bho chionn ghoirid tha iad air a bhith air an ainmeachadh còmhla mar Gheàrrloch.

Suas gu 1843, nuair a chaidh an rathad a thogail, b' ann bhon mhuir bu mhotha a bha cothrom air faighinn dhan àite iomallach seo.
'S ann a mhàin an-dràsta, aig toiseach an 21d linn, a thathar a' leasachadh an A832 bho rathad singilte le àitean dol-seachad gu rathad dùbailte.

B' ann air croitearachd agus iasgach, gu sònraichte iasgach an truisg, a bha a' choimhearsnachd sgapte seo an crochadh. Bhiodh eisirean agus maorach eile air an glacadh cuideachd airson margaidh Lunnainn. Bidh crùbagan, giomaich agus muasgain-chaola air an cur fhathast bho Gheàrrloch gu margaidhean aig deas agus san Roinn Eòrpa.

An-diugh tha taighean-òsta agus taighean-seinnse, taighean-còmhnaidh beaga fèin-fhrithealaidh agus pàircean charabhanaichean ann. Tha an sgìre gu sònraichte tarraingeach do luchd-coiseachd chnoc agus luchd-amhairc fiadh-bheatha.
A dh'aindeoin na bhios a' tighinn dhan àite as t-samhradh bidh daoine a' faireachdainn gu bheil iad ann an àite iomallach agus air òir fàsaich neo-mhillte

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Geàrrloch

ROS: Geàrrloch

1920an; 1930an

cairtean-puist; taighean-òsta; lochan; tràighean; gàrraidhean; taighean-gloinne; luchd-turais; Bhictòrianaich; A' Bhanrigh Bhictòria; uidheaman-snàimh; eaglaisean; Matthews agus Lawrie; Anndra Maitland; dùin; Cruithnich; tuineachaidhe; Charlestown; Lonem

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection