Ùrachadh mu Dheireadh 19/09/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
An Tràigh Snàimh, Geàrrloch
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0501
ÀITE
Geàrrloch
SGÌRE
Geàrrloch
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Geàrrloch
LINN
1910an; 1920an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32428
KEYWORDS
cairetan-puist
tràighean
lochan
dùin
Cruithnich
An Dùn
Thòrasdail
acarsaidean
Thor
Lochlannaich
Lochlannach
bailtean-turasachd
Bhictòrianaich
Bathing Beach, Gairloch

Air a' chairt-phuist seo tha an tràigh ann an Geàrrloch.

Tha Loch Gheàrrloch ann an Ros an Iar. Tha Geàrrloch a' ciallachadh loch goirid.

Air cùl na tràghad seo le gainmhich bhrèagha, tha an raon-goilf. Chaidh an cùrsa naoi-tuill a dhealbhachadh leis a' Chaiptean Burgess agus chaidh fhosgladh ann an 1898.

Gu clì tha Eaglais na Parraiste a thogadh an toiseach ann an 1791-3 ach a chaidh a h-ath-thogail gu ìre ann an 1834. Chaidh poirdse air a dhealbhachadh le Anndra Maitland & a Mhic a chur rithe ann an 1834. Chaidh an eaglais ath-nuadhachadh ann an 1908-9.

Mu choinneimh na h-eaglaise tha lag air a bheil Leabaidh na Bà Bàine. 'S e lag nàdarra air chruth-uighe cha mhòr foirfe a th' ann ach a rèir beul-aithris chaidh a chruthachadh le Fionn mar leabaidh far am beireadh a' bhò aige laogh. Ghabhadh e suas ri dà mhìle duine agus bha e air a chur gu feum airson sheirbheisean eaglaise agus le soisgeulaichean a bhiodh a' tadhal.

Ris a' chùl, tha a dhà de bheanntan Thoirbheartan. Gu clì tha Badhais Bheinn. Gu deas tha Beinn Ailiginn. Tha sreath bheanntan Thoirbheartan na sgìre iomallach le seallaidhean iongantach a tha eadar Loch Ma-Ruibhe agus Loch Thoirbheartan. Tha na beanntan de chlach-ghainmhich Thoirbhearatan agus ann am feadhainn aca tha clach-èiteig gheal a tha coltach ri sneachd uaireannan. Tha grùnn de na mullaich os cionn 3300 troigh (1000 meatair)

Tha Badhais Bheinn [2870 troigh (875 meatairean)] na Chorbett - beinn eadar 2500 troigh agus 2999 troighean. Mar as trice canar gur e beinn a' bhuidsich a tha e a' ciallachadh.

Tha Beinn Ailiginn na Rothach - beinn os cionn 3000 troigh. Mar as trice canar gur e seud a tha e a' ciallachadh agus tha dà mhullach aice, Sgùrr Mhòr 3231 troighean (985 meatairean) agus Tom na Gruagaich, 3018 troighean (920 meatair)

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

An Tràigh Snàimh, Geàrrloch

ROS: Geàrrloch

1910an; 1920an

cairetan-puist; tràighean; lochan; dùin; Cruithnich; An Dùn; Thòrasdail; acarsaidean; Thor; Lochlannaich; Lochlannach; bailtean-turasachd; Bhictòrianaich

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection