Ùrachadh mu Dheireadh 27/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
Gairloch towards Boisbhean

Tha a' chairt-phuist seo a' sealltainn Geàrrloch a' coimhead a dh'ionnsaigh Badhais Bheinn.

Tha Loch Gheàrrloch ann an Ros an Iar. Tha Geàrrloch a' ciallachadh loch goirid.

Tha Badhais Bheinn, agus ri taobh, air an làimh dheis, Beinn Àiliginn le chèile nam mullaich ann an sreath bheanntan Thoirbheartan, sgìre iomallach le seallaidhean iongantach a tha eadar Loch Ma-Ruibhe agus Loch Thoirbheartan. Tha na beanntan de chlach-ghainmhich Thoirbhearatan agus ann am feadhainn aca tha clach-èiteig gheal a tha coltach ri sneachd uaireannan. Tha ghrùnn de na mullaich os cionn 3300 troigh (1000 meatair)

Tha Badhais Bheinn [2870 troigh (875 meatairean)] na Chorbett - beinn eadar 2500 troigh agus 2999 troighean. Mar as trice canar gur e beinn a' bhuidsich a tha e a' ciallachadh.

Tha Beinn Àiliginn na Rothach - beinn os cionn 3000 troigh. Mar as trice canar gur e seud a tha e a' ciallachadh agus tha dà mhullach aice, Sgùrr Mhòr 3231 troighean (985 meatairean) agus Tom na Gruagaich, 3018 troighean (920 meatair).

Chan eil fada bho chaidh na tuineachaidhean fa leth air cladach an locha - An Lòn Mòr, Baile Ghobhainn, Mial, An Srath, Uachdar Chàirn agus Baile Lùib - ainmeachadh còmhla mar Gheàrrloch.

Suas gu 1843, nuair a chaidh an rathad a thogail, b' ann bhon mhuir bu mhotha a bha cothrom air faighinn dhan àite iomallach seo.
'S ann a mhàin an-dràsta, aig toiseach an 21d linn, a thathar a' leasachadh an A832 bho rathad singilte le àitean dol-seachad gu rathad dùbailte.

B' ann air croitearachd agus iasgach, gu sònraichte iasgach an truisg, a bha a' choimhearsnachd sgapte seo an crochadh. Bhiodh eisirean agus maorach eile air an glacadh cuideachd airson margaidh Lunnainn. Bidh crùbagan, giomaich agus muasgain-chaola air an cur fhathast bho Gheàrrloch gu margaidhean aig deas agus san Roinn Eòrpa.

'S ann mar bhaile turasachd as fheàrr a dh'aithnichear Geàrrloch ged-tà. Thadhail a' Bhanrigh Bhictòria air Geàrrloch ann an 1877 's i a' fuireach aig Taigh-òsta Loch Ma-Ruibhe a tha faisg air làimh, agus on uair sin tha luchd-turais air a bhith a' tighinn ann a mhealtainn nan tràighean brèagha agus nan seallaidhean mìorbhaileach. Bhiodh bàtaichean-smùide a' tadhal gu cunbhalach san naoidheamh linn deug agus bhiodh Taigh-òsta Gheàrrloch a' frithealadh do dh'fheumalachd an luchd-tadhail. Chaidh raon-goilf fhosgladh ann an 1898.

An-diugh tha taighean-òsta agus taighean-seinnse, taighean-còmhnaidh beaga fèin-fhrithealaidh agus pàircean charabhanaichean ann. Tha an sgìre gu sònraichte tarraingeach do luchd-coiseachd chnoc agus luchd-amhairc fiadh-bheatha.
A dh'aindeoin na bhios a' tighinn dhan àite as t-samhradh bidh daoine a' faireachdainn gu bheil iad ann an àite iomallach agus air òir fàsaich neo-mhillte

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Geàrrloch a dh'ionnsaigh Badhais Bheinn

ROS: Geàrrloch

1920an; 1930an

cairtean-puist; Toirbheartan; beanntan; Badhais Bheinn; Beinn Àiliginn; clach-ghainmhich; clach-èiteig; tuineachaidhean; Baile Lùib; An Lòn Mòr; Baile Ghobhainn; Mial; Uachdar Chàirn; croitearachd; iasgach; maorach; bailtean-turasachd; A' Bhanrigh Bhictòr

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection