Ùrachadh mu Dheireadh 19/09/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Bhon Chrasg, Geàrrloch
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0507
ÀITE
Geàrrloch
SGÌRE
Geàrrloch
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Geàrrloch
LINN
1910an; 1920an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32434
KEYWORDS
cairtean-puist
lochan
eaglaisean
tràighean
àitean-tiodhlacaidh
cladhan
goilf
Anndra Maitland
Leabaidh na Bà Bàine
Fionn
soisgeulaichean
An Caiptean Burgess
Toirbheartan
Badhais Bheinn
Beinn Àiliginn
clach-ghainmhich
clach-èiteig
From Crask Gairloch

Air a' chairt-phuist seo tha sealladh bhon Chrasg, Geàrrloch.

Tha Loch Gheàrrloch ann an Ros an Iar. Tha Geàrrloch a' ciallachadh loch goirid.

Ris an aghaidh tha an seann chladh le Eaglais na Paraiste ris a' chùlaibh. Ris an làimh dheis tha an raon-goilf.

Chaidh Eaglais na Paraiste a thogail an toiseach ann an 1791-3 agus chaidh ath-thogail gu ìre ann an 1834. Chaidh poirdse air a dhealbhachadh le Anndra Maitland & a Mhic a chur rithe ann an 1834. Chaidh an eaglais ath-nuadhachadh ann an 1908-9.

Mu choinneimh na h-eaglaise tha lag air a bheil Leabaidh na Bà Bàine. 'S e lag nàdarra na ugh-chruth cha mhòr foirfe a th' ann ach a rèir beul-aithris chaidh a chruthachadh le Fionn mar leabaidh far am beireadh a' bhò aige laogh. Ghabhadh e suas ri dà mhìle duine agus bha e air a chur gu feum airson sheirbheisean Eaglaise agus le soisgeulaichean a bhiodh a' tadhal.

Chaidh an raon-goilf naoi-tuill a dhealbhachadh leis a' Chaiptean Burgess agus chaidh fhosgladh ann an 1898.

Sa chùl-raon tha Badhais Bheinn agus ri taobh, air an làimh dheis, tha Beinn Àiliginn. Tha na mullaich le chèile ann an sreath bheanntan Thoirbheartan, sgìre iomallach le seallaidhean iongantach a tha suidhichte eadar Loch Ma-Ruibhe agus Loch Thoirbheartan. Tha na beanntan de chlach-ghainmhich Thoirbhearatan agus ann am feadhainn aca tha clach-èiteig gheal a tha coltach ri sneachd uaireannan. Tha ghrùnn de na mullaich os cionn 3300 troigh (1000 meatair)

Tha Badhais Bheinn [2870 troigh (875 meatairean)] na Chorbett - beinn eadar 2500 troigh agus 2999 troighean. Mar as trice canar gur e beinn a' bhuidsich a tha e a' ciallachadh.

Tha Beinn Àiliginn na Rothach - beinn os cionn 3000 troigh. Mar as trice canar gur e seud a tha e a' ciallachadh agus tha dà mhullach aice, Sgùrr Mhòr 3231 troighean (985 meatairean) agus Tom na Gruagaich, 3018 troighean (920 meatair)

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Bhon Chrasg, Geàrrloch

ROS: Geàrrloch

1910an; 1920an

cairtean-puist; lochan; eaglaisean; tràighean; àitean-tiodhlacaidh; cladhan; goilf; Anndra Maitland; Leabaidh na Bà Bàine; Fionn; soisgeulaichean; An Caiptean Burgess; Toirbheartan; Badhais Bheinn; Beinn Àiliginn; clach-ghainmhich; clach-èiteig

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection