- TIOTAL
- Baoghais Bheinn agus Beinn Ailiginn bhon Raon Goilf
- EXTERNAL ID
- QZP40_CARD_0509
- ÀITE
- Geàrrloch
- SGÌRE
- Geàrrloch
- SIORRACHD/PARRAIST
- ROS: Geàrrloch
- LINN
- 1950an; 1960an
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Leabharlainn na Gàidhealtachd
- AITHNEACHADH MAOINE
- 32436
- KEYWORDS
- cairtean-puist
goilf
Toirbheartan
Baoghais Bheinn
Beinn Ailiginn
clach-ghainmhich
clach-èiteig
an Caiptean Burgess

Baoghais Bheinn agus Beinn Ailiginn bhon Raon Goilf, Geàrrloch.
Tha a' chairt-phuist seo a' sealltainn Baoghais Bheinn agus Beinn Ailiginn bhon raon goilf ann an Geàrrloch.
Tha Loch Gheàrrloch ann an Ros an Iar. Tha am facal 'Gairloch' a' tighinn bhon Ghàidhlig 'geàrr loch' a' ciallachadh loch ghoirid.
Tha an acarsaid agus an cidhe ann an caolas fasgach, Bàgh a' Bhaile Mhòir aig Baile Lùib. Tha e a' toirt ainm bhon Taigh Dìge faisg air làimh, a chaidh a thogail dhan Ridire Alasdair MacCoinnich, an naoidheamh uachdaran agus an dàrna baran ann an Geàrrloch.
Tha Baoghais Bheinn air an làimh chlì agus Beinn Ailiginn mar phàirt de shreath Bheanntan Thoirbheartan, ceàrnaidh iomallach làn sheallaidhean drùidhteach a tha eadar Loch Ma Ruibhe agus Loch Thoirbheartan. Tha na beanntan air an cruthachadh à cloich ghainmhich Thoirbheartan agus tha clach-èiteig gheal ann an cuid dhiubh, a bhios a' toirt dhaibh ìomhaigh an t-sneachda.Tha grunn de na stùcan thairis air 3300 troigh (1000 meatair).
Is e Corbett a th' ann am Baoghais Bheinn anns a bheil 2870 toigh (875 meatair) de dh'àirde - is e sin beinn a tha eadar 2,500 agus 2,999 troigh. Tha a' chiall a' tighinn gu h-àbhaisteach bho stùc an draoidh.
Is e Rothach a th' ann am Beinn Ailiginn - is e sin beinn a tha còrr air 3,000 troigh. Tha an t-ainm aige gu h-àbhaisteach air eadar-theangachadh mar an 'jewel', agus tha dà stùc ann. Tha Sgurr Mhòr, an stùc mhòr, 3231 troigh (985 meatair) de dh'àirde agus tha Tom na Gruagaich, cnoc na nighinne, 3018 troigh (920 meatair) de dh' àirde.
Chaidh an raon goilf naoi tuill a dhealbh leis a' Chaiptean Burgess agus chaidh fhosgladh ann an 1898