Ùrachadh mu Dheireadh 19/09/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
The Golf Course Gairloch looking towards Boishbean

Tha a' chairt-phuist seo a' sealltainn raon goilf Gheàrrloch a' coimhead a dh'ionnsaigh Baoghais Bheinn.
Air an làimh dheis de Bhaoghais Bheinn tha Beinn Ailiginn.

Tha Loch Gheàrrloch ann an Ros an Iar. Tha am facal 'Gairloch' a' tighinn bhon Ghàidhlig 'geàrr loch' a' ciallachadh loch ghoirid.

Tha an raon goilf air cùl na tràghad bhrèagha ghainmhich. Chaidh an raon goilf naoi tuill a dhealbh leis a' Chaiptean Burgess agus chaidh fhosgladh ann an 1898.

Air an làimh chlì tha eaglais na Parraiste a chaidh a thogail an toiseach ann an 1791-3 agus a chaidh ath-thogail a-rithist ann am pàirt ann an 1834. Chaidh poirds air a dhealbh le Anndra Maitland & a Mhic a chur rithe ann an 1834. Chaidh an eaglais a dhèanamh suas às ùr ann an 1908-9.

Mu choinneimh na h-eaglaise, tha sloc leis an ainm Leabaidh na Bà Bàine. Is e sloc nàdarrach, cha mhòr gu tur coileanta, air chumadh uighe a th' ann, ach tha beul-aithris ag innse dhuinn gum b' e Fionn a chruthaich e mar leabaidh far am faodadh a' bhò aige a laogh a bhreith. Chumadh e suas ri dà mhìle duine agus bhathar ga chleachdadh airson sheirbhisean Eaglaise agus le searmonaichean a bhiodh a' tadhal.

Tha Baoghais Bheinn agus Beinn Ailiginn mar phàirt de shreath Bheanntan Thoirbheartan, ceàrnaidh iomallach làn sheallaidhean drùidhteach a tha eadar Loch Ma Ruibhe agus Loch Thoirbheartan. Tha na beanntan air an cruthachadh à clach-ghainmhich Thoirbheartan agus tha clach-èiteig gheal ann an cuid dhiubh, a bhios a' toirt dhaibh ìomhaigh sneachda.Tha grunn de na stùcan ag èirigh gu thairis air 3300 troigh (1000 meatair).

Is e Corbett a th' ann am Baoghais Bheinn anns a bheil 2870 toigh (875 meatair) de dh'àirde - is e sin beinn a tha eadar 2,500 agus 2,999 troigh. Tha a' chiall a' tighinn gu h-àbhaisteach bho stùc an draoidh.

Is e Rothach a th' ann am Beinn Ailiginn - is e sin beinn a tha còrr air 3,000 troigh. Tha an t-ainm aige gu h-àbhaisteach air eadar-theangachadh mar an 'jewel', agus tha dà stùc ann. Tha Sgurr Mhòr, an stùc mhòr, 3231 troigh (985 meatair) de dh'àirde agus tha Tom na Gruagaich, cnoc na nighinne, 3018 troigh (920 meatair) de dh' àirde

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Raon Goilf Gheàrrloch a' coimhead a dh'ionnsaigh Baoghais Bheinn

ROS: Geàrrloch

1940an; 1950an

cairtean-puist; lochan; eaglaisean; goilf; eaglaisean; Anndra Maitland; Fionn; Leabaidh na Bà Bàine; searmonaichean; An Caiptean Burgess; Toirbheartan; Baoghais Bheinn; Beinn Àiliginn; clach ghainmhich; clach èiteig

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection