Ùrachadh mu Dheireadh 19/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
Boisbhein and Ben Alligan from Strath, Gairloch

Tha a' chairt-phuist a' sealltainn Baoghais Bheinn agus Beinn Ailiginn bhon t-Srath, Geàrrloch.

Tha Loch Gheàrrloch ann an Ros an Iar. Tha am facal 'Gairloch' a' tighinn bhon Ghàidhlig 'geàrr loch' a' ciallachadh loch ghoirid.

Tha an raon goilf air cùl na tràghad bhrèagha ghainmhich. Chaidh an raon goilf naoi tuill a dhealbh leis a' Chaiptean Burgess agus chaidh fhosgladh ann an 1898.

Air an làimh chlì tha eaglais na Parraiste a chaidh a thogail an toiseach ann an 1791-3 agus a chaidh ath-thogail a-rithist ann am pàirt ann an 1834. Chaidh poirds air a dhealbh le Anndra Maitland & a Mhic a chur rithe ann an 1834. Chaidh an eaglais a dhèanamh suas às ùr ann an 1908-9.

Mu choinneimh na h-eaglaise, tha sloc leis an ainm Leabaidh na Bà Bàine. Is e sloc nàdarrach, cha mhòr gu tur coileanta, air chumadh uighe a th' ann, ach tha beul-aithris ag innse dhuinn gum b' e Fionn a chruthaich e mar leabaidh far am faodadh a' bhò aige a laogh a bhreith. Chumadh e suas ri dà mhìle duine agus bhathar ga chleachdadh airson sheirbhisean Eaglaise agus le searmonaichean a bhiodh a' tadhal.

Tha Baoghais Bheinn agus Beinn Ailiginn mar phàirt de shreath Bheanntan Thoirbheartan, ceàrnaidh iomallach làn sheallaidhean drùidhteach a tha eadar Loch Ma Ruibhe agus Loch Thoirbheartan. Tha na beanntan air an cruthachadh à clach-ghainmhich Thoirbheartan agus tha clach-èiteig gheal ann an cuid dhiubh, a bhios a' toirt dhaibh ìomhaigh sneachda.Tha grunn de na stùcan ag èirigh gu thairis air 3300 troigh (1000 meatair).

Is e Corbett a th' ann am Baoghais Bheinn anns a bheil 2870 toigh (875 meatair) de dh'àirde - is e sin beinn a tha eadar 2,500 agus 2,999 troigh. Tha a' chiall a' tighinn gu h-àbhaisteach bho stùc an draoidh.

Is e Rothach a th' ann am Beinn Ailiginn - is e sin beinn a tha còrr air 3,000 troigh. Tha an t-ainm aige gu h-àbhaisteach air eadar-theangachadh mar an 'jewel', agus tha dà stùc ann. Tha Sgurr Mhòr, an stùc mhòr, 3231 troigh (985 meatair) de dh'àirde agus tha Tom na Gruagaich, cnoc na nighinne, 3018 troigh (920 meatair) de dh' àirde.

Is ann dìreach o chionn ùine nach eil fada a chaidh na bailtean fa leth a tha a' ruith ris a' chladach - Lòn Mòr, Baile a' Ghobhainn, Mial, an t-Srath, Uachdar Càirn agus Baile Lùib - ainmeachadh còmhla mar Geàrrloch. Gu 1843, nuair a thogadh an rathad, cha robh slighe a-steach gun cheàrnaidh iomallach seo ach air muir gu ìre mhòr. Is ann dìreach a-nis, aig toiseach a' chiad linn air fhichead, a tha an A832 ga àrdachadh bho fhrith-rathad aon-fhillte le àiteachan seachnaidh gu rathad mòr dà-fhillte.

B' àbhaist gur e croitearachd agus iasgach, gu h-àraid iasgach truisg, a' phrìomh obair a bha a' cumail suas na coimhearsnachd sgapte seo. Bha eisirean agus maoraich eile gam buain cuideachd airson margaidh Lunnain. Tha crùbagan, giomaich agus muasgain chaola fhathast gan cur à Geàrrloch gu margaidhean aig deas agus san Roinn Eòrpa.

Tha Geàrrloch air aithneachadh nas fheàrr mar bhaile turasachd, ge-tà. Thadhail a' Bhanrigh Bhioctòria ann an Geàrrloch nuair a bha i a' fuireach ann an Taigh-òsta Loch Ma Ruibhe ann an 1877, agus on uair sin tha luchd-turais air a bhith a' tighinn a ghabhail tlachd às na tràighean grinne agus na seallaidhean eireachdail. Bhiodh soithichean smùid a' tadhal gu cunbhalach tron naoidheamh linn deug agus bha Taigh-òsta Gheàrrloch a' gabhail ri feumalachdan
nan luchd-turais uile. Chaidh raon goilf fhosgladh ann an 1898.

An-diugh tha taighean-òsta agus taighean-seinnse, taighean fèin-fhrithealaidh agus pàircean charabhain ann. Tha an sgìre gu h-àraid tarraingeach do luchd-coiseachd nan cnoc agus do luchd-amharc fiadh-bheatha. A dh'aindeoin nan àireamhan a bhios a' tadhal as t-samhradh, tha faireachdainn ann fhathast a bhith fad às agus air oir fàsaich neo-thruaillte.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Baoghais Bheinn agus Beinn Ailiginn bhon t-Srath, Geàrrloch

ROS: Geàrrloch

1930an; 1940an

cairtean-puist; lochan; Baoghais Bheinn; Beinn Ailiginn; Toirbheartan; eaglaisean; tuineachaidhean; Baile Lùib; Lòn Mòr; Baile a' Ghobhainn; Mial; Uachdar Càirn; croitearachd; iasgach; maoraich; bailtean turasachd;
A' Bhanrigh Bhioctòiria; luchd-turais;

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection