Ùrachadh mu Dheireadh 19/09/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Baoghais Bheinn bhon t-Srath
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0513
ÀITE
Geàrrloch
SGÌRE
Geàrrloch
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Geàrrloch
DEIT
LINN
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32439
KEYWORDS
cairtean-puist
lochan
tràighean
eaglaisean
taighean-òsta
Toirbheartan
Baoghais Bheinn
clach-ghainmhich
clach-èiteig
croitearachd
bailtean
Na Fuadaichean
togail bhàtaichean
dreuchdan
Boishbhean from Strath, Gairloch

Tha a' chairt-phuist seo a' sealltainn Baoghais Bheinn bhon t-Srath ann an Geàrrloch.

Tha Loch Gheàrrloch ann an Ros an Iar. Tha am facal 'Gairloch' a' tighinn bhon Ghàidhlig 'geàrr loch' a' ciallachadh loch ghoirid.
Is e an t-Srath aon de na tuineachaidhean ris a' chladach a tha air an ainmeachadh còmhla mar Geàrrloch.

Air taobh eile a' bhàigh air an làimh dheis, tha gainmheach àlainn, mhìn tràigh Gheàrrloch. Is e an Eaglais Shaor an togalach a tha sa mheadhan. Air an làimh chlì dhen eaglais tha Taigh-òsta Gheàrrloch, le ceò a' tighinn às an t-similear.

Ag èirigh an-àirde air a' chùl tha Baoghais Bheinn, aon de na stùcan ann an sreath Bheanntan Thoirbheartan, ceàrnaidh iomallach le seallaidhean eireachdail a laigheas eadar Loch Ma Ruibhe agus Loch Thoirbheartan. Tha na beanntan air an cruthachadh à clach-ghainmhich Thoirbheartan agus tha clach-èiteig gheal ann an cuid dhiubh, a bhios a' toirt dhaibh ìomhaigh sneachda.Tha grunn de na stùcan thairis air 3300 troigh (1000 meatair).

Is e Corbett a th' ann am Baoghais Bheinn anns a bheil 2870 toigh (875 meatair) de dh'àirde - is e sin beinn a tha eadar 2,500 agus 2,999 troigh. Tha a' chiall a' tighinn gu h-àbhaisteach bho stùc an draoidh.

Is e baile croitearachd a th' anns an t-Srath. Aig àm nam Fuadaichean, chaidh daoine a ghluasad a-mach às na glinn a-staigh san tìr gus àite a dhèanamh dha na caoraich. Chaidh an tuineachadh air an oirthir an cois na mara. Anns an t-Srath bha tràigh àrd de thalamh còmhnard a b' urrainnear àiteach airson teachd-an-tìr còmhla ri iasgach, gu h-àraid iasgach truisg. Bhiodh gach croitear a' fàs còrcach a bhiodhte a' cleachdadh airson lìn agus driamlaich. Dh'fhàs an t-Srath gu bhith na àite malairt le bùithtean, muileann agus gàrradh airson togail bhàtaichean. Fiù 's an-diugh fhèin tha e cumanta barrachd air aon dreuchd a bhith aig muinntir a' bhaile.

An-diugh tha taighean-òsta agus taighean-seinnse, taighean fèin-fhrithealaidh agus pàircean charabhan ann. Tha an sgìre gu h-àraid tarraingeach do luchd-coiseachd nan cnoc agus do luchd-amhairc fiadh-bheatha

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Baoghais Bheinn bhon t-Srath

ROS: Geàrrloch

cairtean-puist; lochan; tràighean; eaglaisean; taighean-òsta; Toirbheartan; Baoghais Bheinn; clach-ghainmhich; clach-èiteig; croitearachd; bailtean; Na Fuadaichean; togail bhàtaichean; dreuchdan

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection