Ùrachadh mu Dheireadh 05/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Baoghais Bheinn agus Beinn Ailiginn bhon t-Srath
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0514
ÀITE
Geàrrloch
SGÌRE
Geàrrloch
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Geàrrloch
LINN
1930an
CRUTHADAIR
J Valentine & Co.
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32440
KEYWORDS
cairtean-puist
tràighean
eaglaisean
taighean-òsta
Toirbheartan
Baoghais Bheinn
Beinn an Eòin
clach-ghainmhich
clach-èiteig
croitearachd
bailtean fearainn
Na Fuadaichean
tràighean togte
iasgach
togail bhàtaichean
Baosbhinn and Ben Alligan from Strath, Gairloch

Tha a' chairt-phuist seo a' sealltainn dhà de na stùcan ann an sreath Bheanntan Thoirbheartan bhon t-Srath ann an Geàrrloch.

Air a' chairt, tha iad air an ainmeachadh mar Baoghais Bheinn agus Beinn Ailiginn ach chan e a h-aon seach a aon dhiubh Beinn Ailiginn.

Is e Corbett a th' ann am Baoghais Bheinn air an làimh dheis, anns a bheil 2870 toigh (875 meatair) de dh'àirde - is e sin beinn a tha eadar 2,500 agus 2,999 troigh. Tha a' chiall a' tighinn gu h-àbhaisteach bho stùc an draoidh.

Is e Corbett a th' ann am Beinn an Eòin a tha sa mheadhan agus clì air Baoghais Bheinn. Tha Beinn an Eòin 2804 troigh (855 meatair) de dh'àirde. Tha an t-ainm a' ciallachadh stùc an eòin.

Is e ceàrnaidh iomallach làn sheallaidhean drùidhteach eadar Loch Ma Ruibhe agus Loch Thoirbheartan a th' ann an sreath Bheanntan Thoirbheartan. Tha na beanntan air an cruthachadh à clach-ghainmhich Thoirbheartan agus tha clach-èiteig gheal ann an cuid dhiubh, a bhios a' toirt dhaibh ìomhaigh sneachda.Tha grunn de na stùcan thairis air 3300 troigh (1000 meatair).

Tha Geàrrloch ann an Ros an Iar. Tha am facal 'Gairloch' a' tighinn bhon Ghàidhlig 'geàrr loch' a' ciallachadh loch ghoirid.
Is e an t-Strath, aon de na tuineachaidhean ris a' chladach a tha air an ainmeachadh còmhla mar Geàrrloch.

Air taobh eile a' bhàigh air an làimh dheis, tha gainmheach àlainn, mhìn tràigh Gheàrrloch.
Is e an Eaglais Shaor an togalach a tha sa mheadhan.
Air an làimh chlì dhen eaglais tha Taigh-òsta Gheàrrloch.

Is e baile croitearachd a th' anns an t-Srath. Aig àm nam Fuadaichean, chaidh daoine a ghluasad a-mach às na glinn a-staigh san tìr gus àite a dhèanamh dha na caoraich. Chaidh an tuineachadh air an oirthir an cois na mara. Anns an t-Srath bha tràigh àrd de thalamh còmhnard a b' urrainnear àiteach airson teachd-an-tìr còmhla ri iasgach, gu h-àraid iasgach truisg. Bhiodh gach croitear a' fàs còrcach a bhiodhte a' cleachdadh airson lìn agus driamlaich. Dh'fhàs an t-Srath gu bhith na àite malairt le bùithtean, muileann agus gàrradh airson togail bhàtaichean. Fiù 's an-diugh fhèin tha e cumanta barrachd air aon dreuchd a bhith aig muinntir a' bhaile.

An-diugh tha taighean-òsta agus taighean-seinnse, taighean fèin-fhrithealaidh agus pàircean charabhan ann. Tha an sgìre gu h-àraid tarraingeach do luchd-coiseachd nan cnoc agus do luchd-amhairc fiadh-bheatha

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Baoghais Bheinn agus Beinn Ailiginn bhon t-Srath

ROS: Geàrrloch

1930an

cairtean-puist; tràighean; eaglaisean; taighean-òsta; Toirbheartan; Baoghais Bheinn; Beinn an Eòin; clach-ghainmhich; clach-èiteig; croitearachd; bailtean fearainn; Na Fuadaichean; tràighean togte; iasgach; togail bhàtaichean

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection