Ùrachadh mu Dheireadh 27/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
A Corner of Gairloch looking towards Boishbhein and Ben Alligan

Tha a' chairt-phuist seo a' sealltainn oisean de Gheàrrloch a' coimhead a dh'ionnsaigh Baoghais Bheinn agus Beinn Ailiginn.

Chan e a h-aon seach aon dhiubh Beinn Ailiginn, ge-tà.

Is e Corbett a th' ann am Baoghais Bheinn air an làimh dheis, anns a bheil 2870 toigh (875 meatair) de dh'àirde - is e sin beinn a tha eadar 2,500 agus 2,999 troigh. Tha a' chiall a' tighinn gu h-àbhaisteach bho stùc an draoidh.

Is e Corbett a th' ann am Beinn an Eòin a tha sa mheadhan agus clì air Baoghais Bheinn. Tha Beinn an Eòin 2804 troigh (855 meatair) de dh'àirde. Tha an t-ainm a' ciallachadh stùc an eòin.

Is e ceàrnaidh iomallach làn sheallaidhean drùidhteach eadar Loch Ma Ruibhe agus Loch Thoirbheartan a th' ann an sreath Bheanntan Thoirbheartan. Tha na beanntan air an cruthachadh à clach-ghainmhich Thoirbheartan agus tha clach-èiteig gheal ann an cuid dhiubh, a bhios a' toirt dhaibh ìomhaigh sneachda.Tha grunn de na stùcan ag èirigh gu thairis air 3300 troigh (1000 meatair).

Tha Geàrrloch ann an Ros an Iar. Tha am facal 'Gairloch' a' tighinn bhon Ghàidhlig 'geàrr loch' a' ciallachadh loch ghoirid.

Is ann dìreach o chionn ùine nach eil fada a chaidh na bailtean fa leth a tha a' ruith ris a' chladach - Lòn Mòr, Baile a' Ghobhainn, Mial, an t-Srath, Uachdar Càirn agus Baile Lùib - ainmeachadh còmhla mar Geàrrloch. Gu 1843, nuair a thogadh an rathad, cha robh slighe a-steach dhan cheàrnaidh iomallaich seo ach air muir gu ìre mhòr. Is ann dìreach a-nis, aig toiseach a' chiad linn air fhichead, a tha an A832 ga àrdachadh bho fhrith-rathad aon-fhillte le àiteachan seachnaidh gu rathad mòr dà-fhillte.

B' àbhaist gur e croitearachd agus iasgach, gu h-àraid iasgach truisg, a' phrìomh obair a bha a' cumail suas na coimhearsnachd sgapte seo. Bha eisirean agus maorach eile gam buain cuideachd airson margaidh Lunnain. Tha crùbagan, giomaich agus muasgain chaola fhathast gan cuir à Geàrrloch gu margaidhean aig deas agus san Roinn Eòrpa.

Tha Geàrrloch air aithneachadh nas fheàrr mar bhaile turasachd, ge-tà. Thadhail a' Bhanrigh Bhioctòria ann an Geàrrloch nuair a bha I a' fuireach ann an Taigh-òsta Loch Ma Ruibhe ann an 1877, agus on uair sin tha luchd-turais air a bhith a' tighinn a ghabhail tlachd às na tràighean grinne agus na seallaidhean eireachdail. Bhiodh soithichean smùide a' tadhal gu cunbhalach tron naoidheamh linn deug agus bha Taigh-òsta Gheàrrloch a' gabhail ri feumalachdan
nan luchd-turais uile. Chaidh raon goilf fhosgladh ann an 1898.

An-diugh tha taighean-òsta agus taighean-seinnse, taighean fèin-fhrithealaidh agus pàircean charabhain ann. Tha an sgìre gu h-àraid tarraingeach do luchd-coiseachd nan cnoc agus do luchd-amhairc fiadh-bheatha.
A dh'aindeoin nan àireamhan a bhios a' tadhal as t-samhradh, tha faireachdainn ann fhathast a bhith fad às agus air oir fàsaich neo-thruaillte

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Oisean de Gheàrrloch a' coimhead air Baoghais Bheinn agus Beinn Áiliginn

ROS: Geàrrloch

1950an

cairtean-puist; lochan; Baoghais Bheinn; Beinn Ailiginn; Toirbheartan; eaglaisean; tuineachaidhean; Baile Lùib; Lòn Mòr; Baile a' Ghobhainn; Mial; Uachdar Càirn; croitearachd; iasgach; maoraich; bailtean turasachd; A' Bhanrigh Bhioctòiria; luchd-turais;

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection