Ùrachadh mu Dheireadh 19/09/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Geàrrloch, Baoghais Bheinn agus Beinn Ailiginn
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0516
ÀITE
Geàrrloch
SGÌRE
Geàrrloch
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Geàrrloch
LINN
1920an; 1930an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32442
KEYWORDS
cairtean puist
Toirbheartan
beanntan
eaglaisean
taighean-òsta
Gairloch, Boishbhean and Ben Alligan

Tha a' chairt-phuist seo a' sealltainn Geàrrloch, Baoghais Bheinn agus Beinn Ailiginn.

Tha Geàrrloch stèidhte ann an Ros an Iar. Tha am facal 'Gairloch' a' tighinn bhon Ghàidhlig 'geàrr loch' a' ciallachadh loch ghoirid.

Tha Baoghais Bheinn air an làimh chlì agus Beinn Ailiginn air an làimh dheis mar phàirt de shreath Bheanntan Thoirbheartan, ceàrnaidh iomallach làn sheallaidhean drùidhteach a tha eadar Loch Ma Ruibhe agus Loch Toirbheartain. Tha na beanntan air an cruthachadh à clach-ghainmhich Thoirbheartain agus tha clach-èiteig gheal ann an cuid dhiubh, a bhios a' toirt dhaibh ìomhaigh sneachda.Tha grunn de na stùcan thairis air 3300 troigh (1000 meatair).

Is e Corbett a th' ann am Baoghais Bheinn anns a bheil 2870 toigh (875 meatair) de dh'àirde - is e sin beinn a tha eadar 2,500 agus 2,999 troigh. Tha a' chiall a' tighinn gu h-àbhaisteach bho stùc an draoidh.

Is e Rothach a th' ann am Beinn Àiliginn - is e sin beinn a tha còrr air 3,000 troigh. Tha an t-ainm aige gu h-àbhaisteach air eadar-theangachadh mar an jewel, agus tha dà stùc ann. Tha Sgurr Mhòr, an stùc mhòr, 3231 troigh (985 meatair) de dh'àirde agus tha Tom na Gruagaich, cnoc na nighinne, 3018 troigh (920 meatair) de dh' àirde.

Anns a' mheadhan chithear Eaglais Shaor na h-Alba agus air an làimh chlì tha Taigh-òsta Gheàrrloch

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Geàrrloch, Baoghais Bheinn agus Beinn Ailiginn

ROS: Geàrrloch

1920an; 1930an

cairtean puist; Toirbheartan; beanntan; eaglaisean; taighean-òsta

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection