Ùrachadh mu Dheireadh 15/08/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
Boisbhean and Ben Alligan fom Gairloch

Tha a' chairt-phuist seo a' sealltainn Baoghais Bheinn agus Beinn Ailiginn bho os cionn a' chidhe ann an Geàrrloch.

Tha Loch Gheàrrloch ann an Ros an Iar. Tha am facal 'Gairloch' a' tighinn bhon Ghàidhlig 'geàrr loch' a' ciallachadh loch ghoirid.

Tha an acarsaid agus an cidhe ann an caolas fasgach, Bàgh a' Bhaile Mhòir aig Baile Lùib. Tha e a' toirt ainm bhon Taigh Dìge faisg air làimh, a chaidh a thogail dhan Ridire Alasdair MacCoinnich, an naoidheamh uachdaran agus an dàrna baran ann an Geàrrloch.

Tha Baoghais Bheinn air an làimh chlì agus Beinn Ailiginn mar phàirt de shreath Bheanntan Thoirbheartan, ceàrnaidh iomallach làn sheallaidhean drùidhteach a tha eadar Loch Ma Ruibhe agus Loch Thoirbheartan. Tha na beanntan air an cruthachadh à cloich ghainmhich Thoirbheartan agus tha clach-èiteig gheal ann an cuid dhiubh, a bhios a' toirt dhaibh ìomhaigh an t-sneachda.Tha grunn de na stùcan thairis air 3300 troigh (1000 meatair).

Is e Corbett a th' ann am Baoghais Bheinn anns a bheil 2870 toigh (875 meatair) de dh'àirde - is e sin beinn a tha eadar 2,500 agus 2,999 troigh. Tha a' chiall a' tighinn gu h-àbhaisteach bho stùc an draoidh.

Is e Rothach a th' ann am Beinn Ailiginn - is e sin beinn a tha còrr air 3,000 troigh. Tha an t-ainm aige gu h-àbhaisteach air eadar-theangachadh mar an 'jewel', agus tha dà stùc ann. Tha Sgurr Mhòr, an stùc mhòr, 3231 troigh (985 meatair) de dh'àirde agus tha Tom na Gruagaich, cnoc na nighinne, 3018 troigh (920 meatair) de dh' àirde.

Is e Corbett a th' ann am Beinn an Eoin, aig 2804 troigh (855 meatair).

Ris an aghaidh, tha an t-Strath, aon de na tuineachaidhean ris a' chladach a tha air an ainmeachadh còmhla mar Geàrrloch.

Is e baile croitearachd a th' anns an t-Srath. Aig àm nam Fuadaichean chaidh daoine a ghluasad a-mach às na glinn a-staigh san tìr gus àite a dhèanamh dha na caoraich. Chaidh an tuineachadh air an oirthir an cois na mara. Anns an t-Srath bha tràigh àrd de thalamh còmhnard a b' urrainnear àiteach airson teachd-an-tìr còmhla ri iasgach, gu h-àraid iasgach truisg. Bhiodh gach croitear a' fàs còrcach a bhiodhte a' cleachdadh airson lìn agus driamlaich. Dh'fhàs an t-Srath gu bhith na h-àite malairt le bùithtean, muileann agus gàrradh airson togail bhàtaichean. Fiù 's an-diugh fhèin tha e cumanta barrachd air aon dreuchd a bhith aig muinntir a' bhaile.

An-diugh tha taighean-òsta agus taighean-seinnse, taighean fèin-fhrithealaidh agus pàircean charabhain ann. Tha an sgìre gu h-àraid tarraingeach do luchd-coiseachd nan cnoc agus do luchd-amhairc fiadh-bheatha

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Baoghais Bheinn agus Beinn Ailiginn bho Gheàrrloch

ROS: Geàrrloch

1920an; 1930an

cairtean-puist; tràighean; eaglaisean; taighean-òsta; Toirbheartan; Baoghais Bheinn; Beinn Ailiginn; Beinn an Eòin; ch#lach ghainmhich; clach èiteig; croitearachd; bailtean; Na Fuadaichean; iasgach; togail bhàtaichean; dreuchdan

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection