Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
Boishbhean and Ben Alligin from near Hotel, Gairloch

Tha a' chairt-phuist seo a' sealltainn Baoghais Bheinn agus Beinn Ailiginn bho faisg air Taigh-òsta Gheàrrloch.

Tha Baoghais Bheinn air an làimh chlì agus tha Beinn Ailiginn air an làimh dheis mar phàirt de shreath Bheanntan Thoirbheartan, ceàrnaidh iomallach làn sheallaidhean drùidhteach a tha eadar Loch Ma Ruibhe agus Loch Toirbheartan. Tha na beanntan air an cruthachadh à clach-ghainmhich Thoirbheartan agus tha clach-èiteig gheal ann an cuid dhiubh, a bhios a' toirt dhaibh ìomhaigh sneachda.Tha grunn de na stùcan thairis air 3300 troigh (1000 meatair).

Is e Corbett a th' ann am Baoghais Bheinn anns a bheil 2870 toigh (875 meatair) de dh'àirde - is e sin beinn a tha eadar 2,500 agus 2,999 troigh. Tha a' chiall a' tighinn gu h-àbhaisteach bho stùc an draoidh.

Is e Rothach a th' ann am Beinn Ailiginn - is e sin beinn a tha còrr air 3,000 troigh. Tha an t-ainm aige gu h-àbhaisteach air eadar-theangachadh mar an 'jewel', agus tha dà stùc ann. Tha Sgurr Mhòr, an stùc mhòr, 3231 troigh (985 meatair) de dh'àirde agus tha Tom na Gruagaich, cnoc na nighinne, 3018 troigh (920 meatair) de dh' àirde.

Ris an aghaidh, nithear dìreach a-mach an seann chladh. Air a' chùl air an làimh chlì tha Eaglais na Parraiste agus air an taobh eile den rathad tha an raon goilf.

Chaidh eaglais na Parraiste a thogail an toiseach ann an 1791-3 agus a chaidh a h-ath-thogail a-rithist ann am pàirt ann an 1834. Chaidh poirds air a dhealbh le Anndra Maitland & a Mhic a chur rithe ann an 1834. Chaidh an eaglais a dhèanamh suas às ùr ann an 1908-9.

Mu choinneimh na h-eaglaise tha sloc leis an ainm Leabaidh na Bà Bàine. Is e sloc nàdarrach cha mhòr gu tur coileanta air chumadh uighe a th' ann, ach tha beul-aithris ag innse dhuinn gum b' e Fionn a chruthaich e mar leabaidh far am faodadh a' bhò aige a laogh a bhreith. Chumadh e suas ri dà mhìle duine agus bhathar ga chleachdadh airson sheirbhisean Eaglaise agus le searmonaichean a bhiodh a' tadhal.

Chaidh an raon goilf naoi tuill a dhealbh leis a' Chaiptean Burgess agus chaidh fhosgladh ann an 1898

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Baoghais Bheinn agus Beinn Ailiginn bho faisg air an Taigh-òsta, Geàrrloch

ROS: Geàrrloch

1900an

cairtean-puist; lochan; eaglaisean; cladhan; goilf; Fionn; Leabaidh na Bà Bàine; searmonaichean; An Caiptean Burgess; Toirbheartan; Baoghais Bheinn; Beinn Áiliginn; clach ghainmhich; clach èiteig; Anndra Maitland

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection