Ùrachadh mu Dheireadh 27/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Baile Bhad a' Chrò
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0520
ÀITE
Bad a' Chròtha
SGÌRE
Geàrrloch
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Geàrrloch
LINN
1940an
CRUTHADAIR
J Valentine & Co.
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32446
KEYWORDS
cairtean-puist
bailtean
acarsaidean
Torasdal
Tioram
Tor
Lochlannaich
Lochlannaich
iasgach
luchd saor-làithean
Badachro Village

Tha a' chairt-phuist seo a' sealltainn Baile Bhad a' Chrò ann an Geàrrloch.

Tha clachan Bhad a' Chrò, a' ciallachadh buaile a' chruidh, stèidhte gu h-eireachdail air bealach Loch Gheàrrloch ann an Ros an Iar. Ann am fasgadh grunn eileanan tha am bàgh a' tairgsinn acarsaid shàbhailte do bhàtaichean iasgaich agus do sgothan.

Is e Eilean Thorasdail, a chithear an seo sa mheadhan, an t-eilean as motha. Tha an t-ainm a' tighinn bho Thor, dia Lochlannach an tàirneanaich, agus tha e a' cur nar cuimhne gun robh na Lochlannaich glè neartmhor ris a' chladach seo aig aon àm.
Air beulaibh Eilean Thorasdail tha eilean beag, Eilean Tioram, a tha ceangailte ri tìr mòr le cabhsair.

Aig deireadh an naoidheamh linn deug b' e àite trang iasgaich a bh' ann am Bad a' Chrò. Bha iasg, gu h-àraid trosg, a bhathar a' cur air tìr ann an seo agus ann an Geàrrloch, air a thiormachadh ann am Bad a' Chrò. Bha dà stèisean ciùraigidh ann - fear air Eilean Thorasdail agus aon eile air Eilean Tioram. Tha giomaich, crùbagan agus muasgain caola fhathast gan cuir air tìr an seo agus gan cuir gu na margaidhean aig deas agus gu margaidhean na Roinn Eòrpa.

Tha am bad sàmhach iomallach seo air a mheas gu mòr aig luchd saor-làithean a bhios a' tighinn a ghabhail tlachd às na seallaidhean bòidheach agus am fiadh-bheatha

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Baile Bhad a' Chrò

ROS: Geàrrloch

1940an

cairtean-puist; bailtean; acarsaidean; Torasdal; Tioram; Tor; Lochlannaich; Lochlannaich; iasgach; luchd saor-làithean

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection