Ùrachadh mu Dheireadh 27/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Bad a' Chrò às An Áird
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0521
ÀITE
Bad a' Chròtha
SGÌRE
Geàrrloch
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Geàrrloch
LINN
1950an
CRUTHADAIR
J Valentine & Co.
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32447
KEYWORDS
cairtean-puist
bailtean beaga
lochan
acarsaidean
eileanan
Tòr
Lochlannaich
Nirribhich
iasgach
luchd saor-làithean
a' feuradh
spealan
Badachro from Aird

Tha a' chairt-phuist seo a' sealltainn baile beag Bhad a' Chrò ann an Geàrrloch.

Tha clachan Bhad a' Chrò, a' ciallachadh buaile a' chruidh, stèidhte gu h-eireachdail air bealach Loch Gheàrrloch ann an Ros an Iar. Ann am fasgadh grunn eileanan tha am bàgh a' tairgsinn acarsaid shàbhailte do bhàtaichean iasgaich agus do sgothan.

Aig deireadh an naoidheamh linn deug b' e àite trang iasgaich a bh' ann am Bad a' Chrò. Bha iasg, gu h-àraid trosg, a bhathar a' cur air tìr ann an seo agus ann an Geàrrloch, air a thiormachadh ann am Bad a' Chrò. Tha giomaich, crùbagan agus muasgain chaola fhathast gan cuir air tìr an seo agus gan cuir gu na margaidhean aig deas agus gu margaidhean na Roinn Eòrpa.

Ris an aghaidh air a' chairt-phuist tha ultaich feòir air an cruachadh airson an tioramachadh. B' e àm cudromach a bh' ann an àm buain ann an saoghal croitearachd. Bhathar a' cleachdadh speal airson am feur a bhuain agus bha an obair dian agus fada. B' urrainn dhan a h-uile duine a bhith an sàs san obair, agus tha mòran leabhraichean aithris nan sgoiltean a' sealltainn gun robh frithealadh na sgoile gu math ìosal aig àm nan seachdainean buain, air sgàth 's gun robh a' chlann a' cuideachadh leis an obair

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Bad a' Chrò às An Áird

ROS: Geàrrloch

1950an

cairtean-puist; bailtean beaga; lochan; acarsaidean; eileanan; Tòr; Lochlannaich; Nirribhich; iasgach; luchd saor-làithean; a' feuradh; spealan

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection