Ùrachadh mu Dheireadh 19/09/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
A' coimhead a dh'ionnsaigh Geàrrloch bho Bhad a' Chrò, Ros an Iar
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0522
ÀITE
Geàrrloch
SGÌRE
Geàrrloch
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Geàrrloch
LINN
1950an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32448
KEYWORDS
cairtean-puist
clachain
bailtean
iasgach
Tòr
Lochlannach
Torasadal
Tioram
acarsaidean
iasgach
ciùraigeadh
Looking to Gairloch from Badachro Village, Wester Ross

Tha a' chairt-puist seo a' sealltainn na seallaidhean a' coimhead a dh'ionnsaigh Geàrrloch bho Bhad a' Chrò, Ros an Iar.

Tha clachan Bhad a' Chrò, a' ciallachadh buaile a' chruidh, stèidhte gu h-eireachdail air bealach Loch Gheàrrloch ann an Ros an Iar. Ann am fasgadh grunn eileanan tha am bàgh a' tairgsinn acarsaid shàbhailte do bhàtaichean iasgaich agus do sgothan.

Is e Eilean Thorasdail, a chithear an seo sa mheadhan, an t-eilean as motha. Tha an t-ainm a' tighinn bho Thòr, dia Lochlannach an tàirneanaich, agus tha e a' cur nar cuimhne gu robh na Lochlannaich glè neartmhor ris a' chladach seo aig aon àm.
Air beulaibh Eilean Thorasdail tha eilean beag, Eilean Tioram, a tha ceangailte ri tìr mòr le cabhsair.

Aig deireadh na naoidheamh linn deug b' e àite trang iasgaich a bh' ann am Bad a' Chrò. Bha iasg, gu h-àraid trosg, a bhathar a' cur air tìr ann an seo agus ann an Geàrrloch, air a thiormachadh ann am Bad a' Chrò. Bha dà stèisean ciùraigidh ann - aon air Eilean Thorasdail agus aon eile air Eilean Tioram. Tha giomaich, crùbagan agus muasgain caola fhathast gan cuir air tìr an seo agus gan cuir gu na margaidhean aig deas agus gu margaidhean na Roinn Eòrpa.

Tha am bad sàmhach iomallach seo air a mheas gu mòr aig luchd saor-làithean a bhios a' tighinn a ghabhail tlachd às na seallaidhean bòidheach agus am fiadh-bheatha

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

A' coimhead a dh'ionnsaigh Geàrrloch bho Bhad a' Chrò, Ros an Iar

ROS: Geàrrloch

1950an

cairtean-puist; clachain; bailtean; iasgach; Tòr; Lochlannach; Torasadal; Tioram; acarsaidean; iasgach; ciùraigeadh

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection