Ùrachadh mu Dheireadh 27/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Geàrrloch bhon t-Srath
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0523
ÀITE
Geàrrloch
SGÌRE
Geàrrloch
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Geàrrloch
LINN
1940an; 1950an
CRUTHADAIR
J Valentine & Co.
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32449
KEYWORDS
cairtean-puist
croitearachd
bailtean beaga
tuineachaidhean
Baile Lùib
Lòn Mòr
Baile a' Ghobhainn
Mial
Uachdar Càirn
iasgach
maoraich
bailtean turasachd
A' Bhanrigh Bhioctòiria
luchd-turais
bàtaichean smùid
goilf
Gairloch from Strath

Tha a' chairt-phuist seo a' sealltainn Geàrrloch bhon t-Srath.

Tha Geàrrloch ann an Ros an Iar. Tha am facal 'Gairloch' a' tighinn bhon Ghàidhlig 'geàrr loch' a' ciallachadh loch ghoirid.

Is e baile beag croitearachd a th' anns an t-Srath. Air taobh eile a' bhàigh tha Uachdar Càirn.

Is ann dìreach o chionn ùine nach eil fada a chaidh na bailtean fa leth a tha a' ruith ris a' chladach - Lòn Mòr, Baile a' Ghobhainn, Mial, an t-Srath, Uachdar Càirn agus Baile Lùib - ainmeachadh còmhla mar Geàrrloch. Gu 1843, nuair a thogadh an rathad, cha robh slighe a-steach gun cheàrnaidh iomallach seo ach air muir gu ìre mhòr. Is ann dìreach a-nis, aig toiseach a' chiad linn air fhichead, a tha an A832 ga àrdachadh bho fhrith-rathad aon-fhillte le àiteachan seachnaidh gu rathad mòr dà-fhillte.

B' àbhaist gur e croitearachd agus iasgach, gu h-àraid iasgach truisg, a' phrìomh obair a bha a' cumail suas na coimhearsnachd sgapte seo. Bha eisirean agus maoraich eile gam buain cuideachd airson margaidh Lunnain. Tha crùbagan, giomaich agus muasgain caola fhathast gan cuir à Geàrrloch gu margaidhean aig deas agus gu margaidhean san Roinn Eòrpa

Tha Geàrrloch air aithneachadh nas fheàrr mar bhaile turasachd, ge-tà. Thadhail a' Bhanrigh Bhioctòiria ann an Geàrrloch nuair a bha I a' fuireach ann an Taigh-òsta Loch Ma Ruibhe ann an 1877, agus on uair sin tha luchd-turais air a bhith a' tighinn a ghabhail tlachd às na tràighean grinne agus na seallaidhean eireachdail. Bhiodh soithichean smùide a' tadhal gu cunbhalach tron naoidheamh linn deug agus bha Taigh-òsta Gheàrrloch a' gabhail ri feumalachdan
nan luchd-turais uile. Chaidh raon goilf fhosgladh ann an 1898.

An-diugh tha taighean-òsta agus taighean-seinnse, taighean fèin-fhrithealaidh agus pàircean charabhain ann. Tha an sgìre gu h-àraid tarraingeach do luchd-coiseachd nan cnoc agus do luchd-amhairc fiadh-bheatha.
A dh'aindeoin nan àireamhan a bhios a' tadhal as t-samhradh, tha faireachdainn ann fhathast a bhith fad às agus air oir fàsaich neo-thruaillte

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Geàrrloch bhon t-Srath

ROS: Geàrrloch

1940an; 1950an

cairtean-puist; croitearachd; bailtean beaga; tuineachaidhean; Baile Lùib; Lòn Mòr; Baile a' Ghobhainn; Mial; Uachdar Càirn; iasgach; maoraich; bailtean turasachd; A' Bhanrigh Bhioctòiria; luchd-turais; bàtaichean smùid; goilf

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection