Ùrachadh mu Dheireadh 19/09/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Bàgh Bhad a' Chrò bho Dheas, Geàrrloch
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0524
ÀITE
Bad a' Chròtha
SGÌRE
Geàrrloch
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Geàrrloch
LINN
1940an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32450
KEYWORDS
cairtean-puist
bailtean beaga
lochan
acarsaidean
Tioram
Sgeir Ghlas
Torasadal
Tòr
Lochlannaich
Nirribhich
iasgach
luchd-turais
Badachro Bay from the South, Gairloch

Tha a' chairt-phuist seo a' sealltainn Bàgh Bhad a' Chrò bho dheas, Geàrrloch. Air a' chùl tha cladach a tuath Loch Gheàrrloch.

Tha clachan Bhad a' Chrò, a' ciallachadh buaile a' chruidh, stèidhte gu h-eireachdail air bealach Loch Gheàrrloch ann an Ros an Iar. Ann am fasgadh grunn eileanan tha am bàgh a' tairgsinn acarsaid shàbhailte do bhàtaichean iasgaich agus do sgothan.

Anns a' mheadhan tha Eilean Tioram a tha ceangailte ri tìr-mòr le cabhsair, agus air an làimh dheis dheth tha eilean Sgeir Ghlais a tha nas lugha. Air a' chùl tha Eilean Thorasadail, an t-eilean as motha. Tha an t-ainm a' tighinn bho Tòr, dia Lochlannach an tàirneanaich, agus tha e a' cur nar cuimhne cho neartmhor agus a bha na Lochlannaich ris a' chladach seo aig aon àm.

Aig deireadh na naoidheamh linn deug b' e àite trang iasgaich a bh' ann am Bad a' Chrò. Bha iasg, gu h-àraid trosg, a bhathar a' cur air tìr ann an seo agus ann an Geàrrloch, air a thiormachadh ann am Bad a' Chrò. Tha giomaich, crùbagan agus muasgain caola fhathast gan cuir air tìr an seo agus gan cuir gu na margaidhean aig deas agus gu margaidhean na Roinn Eòrpa.

Tha am bad sàmhach iomallach seo air a mheas gu mòr aig luchd saor-làithean a bhios a' tighinn a ghabhail tlachd às na seallaidhean bòidheach agus am fiadh-bheatha.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Bàgh Bhad a' Chrò bho Dheas, Geàrrloch

ROS: Geàrrloch

1940an

cairtean-puist; bailtean beaga; lochan; acarsaidean; Tioram; Sgeir Ghlas; Torasadal; Tòr; Lochlannaich; Nirribhich; iasgach; luchd-turais

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection