Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
Strath from above Gairloch Hotel

Tha a' chairt-phuist seo bho tràth san fhicheadamh linn, a' sealltainn an t-Srath bho os cionn Taigh-òsta Gheàrrloch.

Tha Taigh-òsta Gheàrrloch ann an àite eireachdail air cladach Loch Gheàrrloch, dìreach taobh eile an rathaid bhon tràigh, le seallaidhean àlainn tarsainn an locha gun Eilean Sgìtheanach. Air latha soilleir chithear Na Hearadh.

Chaidh an togalach drùidhteach seo a dhealbh le Anndra Maitland, agus a thogail ann an 1872. Chaidh a leudachadh ann an 1880 le Anndra Maitland & a Mhac agus a-rithist ann an 1896 le Ros agus Mac a' Bheatha.

Nuair a chaidh an taigh-òsta a thogail an toiseach bha liosan agus taighean-glainne ann, anns an robh raon fharsaing de ghlasraich, measan agus blàthan a' fàs. Bha e a' solarachadh gach cofhurtachd don chiad luchd-turais Bhioctòirianach, gu fiù 's inneal ionnlaid air an tràigh. Bha iad a' tighinn air los èadhar fhallain agus cuir-seachadan a-muigh air a' mhonadh, air am brosnachadh le tadhalan na Banrigh Bhioctòiria gun Ghàidhealtachd. Thadhail a' Bhanrigh Bhioctòiria ann an Geàrrloch ann an 1877 nuair a dh'fhuirich I ann an Taigh-òsta Loch Ma Ruibhe faisg air làimh.

Is e baile beag croitearachd a th' anns an t-Srath, agus is e aon de na coimhearsnachdan beaga ri cladach Loch Gheàrrloch a chaidh an ainmeachadh còmhla o chionn ùine nach eil fada mar Geàrrloch.

Aig àm nam Fuadaichean chaidh daoine a ghluasad a-mach às na glinn a-staigh san tìr gus àite a dhèanamh dha na caoraich. Chaidh an tuineachadh air an oirthir an cois na mara. Anns an t-Srath bha tràigh àrd de thalamh còmhnard a b' urrainnear àiteach airson teachd-an-tìr còmhla ri iasgach, gu h-àraid iasgach truisg. Bhiodh gach croitear a' fàs còrcach a bhiodhte a' cleachdadh airson lìn agus driamlaich. Dh'fhàs an t-Srath gu bhith na h-àite malairt le bùithtean, muileann agus gàrradh airson togail bhàtaichean. Fiù 's an-diugh fhèin tha e cumanta barrachd air aon dreuchd a bhith aig muinntir a' bhaile.

An-diugh tha taighean-òsta agus taighean-seinnse, taighean fèin-fhrithealaidh agus pàircean charabhain ann. Tha an sgìre gu h-àraid tarraingeach do luchd-coiseachd nan cnoc agus do luchd-amhairc fiadh-bheatha

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

An t-Srath bho os cionn Taigh-òsta Gheàrrloch

ROS: Geàrrloch

1900an

cairtean-puist; taighean-òsta; Anndra Maitland; Ros & Mac a' Bheatha; lochan; tràighean; liosan; taighean-glainne; luchd-turais; Bhioctòirianaich; A' Bhanrigh Bhioctòiria; innealan ionnlaid; croitearachd; bailtean; Na Fuadaichean; tràighean togte; iasgach

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection