Ùrachadh mu Dheireadh 13/12/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Baile an t-Srath bho Chnoc Uachdar Càirn, Geàrrloch
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0530
ÀITE
An Srath
SGÌRE
Geàrrloch
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Geàrrloch
LINN
1930an; 1940an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32456
KEYWORDS
cairtean-puist
croitearachd
bailtean beaga
Na Fuadaichean
tràighean togte
iasgach
còrcach
dreuchdan
Strath Village from Auchtercairn Hill, Gairloch

Tha a' chairt-phuist seo a' sealltainn Baile an t-Srath bho Chnoc Uachdar Càirn, Geàrrloch.

Is e baile beag croitearachd a th' anns an t-Srath, agus is e aon de na coimhearsnachdan beaga ri cladach Loch Gheàrrloch a chaidh an ainmeachadh còmhla o chionn ùine nach eil fada mar Geàrrloch.

Aig àm nam Fuadaichean chaidh daoine a ghluasad a-mach às na glinn a-staigh san tìr gus àite a dhèanamh dha na caoraich. Chaidh an tuineachadh air an oirthir an cois na mara. Anns an t-Srath bha tràigh àrd de thalamh còmhnard a b' urrainnear àiteach airson teachd-an-tìr còmhla ri iasgach, gu h-àraid iasgach truisg. Bhiodh gach croitear a' fàs còrcach a bhiodhte a' cleachdadh airson lìn agus driamlaich. Dh'fhàs an t-Srath gu bhith na h-àite malairt le bùithtean, muileann agus gàrradh airson togail bhàtaichean. Fiù 's an-diugh fhèin tha e cumanta barrachd air aon dreuchd a bhith aig muinntir a' bhaile.

An-diugh tha taighean-òsta agus taighean-seinnse, taighean fèin-fhrithealaidh agus pàircean charabhain ann. Tha an sgìre gu h-àraid tarraingeach do luchd-coiseachd nan cnoc agus do luchd-amhairc fiadh-bheatha

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Baile an t-Srath bho Chnoc Uachdar Càirn, Geàrrloch

ROS: Geàrrloch

1930an; 1940an

cairtean-puist; croitearachd; bailtean beaga; Na Fuadaichean; tràighean togte; iasgach; còrcach; dreuchdan

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection