Ùrachadh mu Dheireadh 10/09/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
An t-Srath, Geàrrloch
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0531
ÀITE
An Srath
SGÌRE
Geàrrloch
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Geàrrloch
LINN
1950an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32457
KEYWORDS
cairtean-puist
croitearachd
bailtean
Na Fuadaichean
iasgach
còrcach
dreuchdan
eaglaisean
Baoghais Bheinn
Beinn Ailiginn
Toirbheartan
beanntan
Strath, Gairloch

Tha a' chairt-phuist seo a' sealltainn an t-Srath ann an Geàrrloch, Siorrachd Rois.

Is e baile beag croitearachd a th' anns an t-Srath, agus is e aon de na coimhearsnachdan beaga ri cladach Loch Gheàrrloch a chaidh an ainmeachadh còmhla o chionn ùine nach eil fada mar Geàrrloch.

Aig àm nam Fuadaichean chaidh daoine a ghluasad a-mach às na glinn a-staigh san tìr gus àite a dhèanamh dha na caoraich. Chaidh an tuineachadh air an oirthir an cois na mara. Anns an t-Srath bha tràigh àrd de thalamh còmhnard a b' urrainnear àiteach airson teachd-an-tìr còmhla ri iasgach, gu h-àraid iasgach truisg. Bhiodh gach croitear a' fàs còrcach a bhiodhte a' cleachdadh airson lìn agus driamlaich. Dh'fhàs an t-Srath gu bhith na h-àite malairt le bùithtean, muileann agus gàrradh airson togail bhàtaichean. Fiù 's an-diugh fhèin tha e cumanta barrachd air aon dreuchd a bhith aig muinntir a' bhaile.

Air a' chùl tha an Eaglais Shaor. Ag èirigh air a cùlaibh tha Baoghais Bheinn. Ri a taobh air an làimh dheis tha Beinn Ailiginn. Buinidh an dà stùc do Bheanntan Thoirbheartan

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

An t-Srath, Geàrrloch

ROS: Geàrrloch

1950an

cairtean-puist; croitearachd; bailtean; Na Fuadaichean; iasgach; còrcach; dreuchdan; eaglaisean; Baoghais Bheinn; Beinn Ailiginn; Toirbheartan; beanntan

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection