Ùrachadh mu Dheireadh 19/09/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Geàrrloch
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0533
ÀITE
Geàrrloch
SGÌRE
Geàrrloch
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Geàrrloch
LINN
1970an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32459
KEYWORDS
cairtean-puist
taighean-òsta
Anndra Maitland
Ros & Mac a' Bheatha
tràighean
liosan
taighean-glainne
luchd-turais
Bhioctòirianaich
A' Bhanrigh Bhioctòiria
innealan ionnlaid
croitearachd
bailtean
Baile Lùib
Lòn Mòr
Baile a' Ghobhainn
Mial
Gairloch

Tha a' chairt-phuist seo a' sealltainn Geàrrloch.

Tha Geàrrloch ann an Ros an Iar. Tha am facal 'Gairloch' a' tighinn bhon Ghàidhlig 'geàrr loch' a' ciallachadh loch ghoirid.

Air an làimh dheis tha Taigh-òsta Gheàrrloch. Chaidh an togalach drùidhteach seo, air stoidhle Seumasach, a dhealbh le Anndra Maitland, agus a thogail ann an 1872. Chaidh a leudachadh ann an 1880 le Anndra Maitland & a Mhac agus a-rithist ann an 1896 le Ros agus Mac a' Bheatha

Nuair a chaidh an taigh-òsta a thogail an toiseach bha liosan agus taighean-glainne ann, anns an robh raon fharsaing de ghlasraich, measan agus blàthan a' fàs. Bha e a' solarachadh gach cofhurtachd don chiad luchd-turais Bhioctòirianach, gu fiù 's inneal ionnlaid air an tràigh. Bha iad a' tighinn air los èadhar fhallain agus cuir-seachadan a-muigh air a' mhonadh, air am brosnachadh le tadhalan na Banrigh Bhioctòiria gun Ghàidhealtachd. Thadhail a' Bhanrigh Bhioctòiria ann an Geàrrloch ann an 1877 nuair a dh'fhuirich I ann an Taigh-òsta Loch Ma Ruibhe faisg air làimh.

Seachad air an taigh-òsta tha bailtean beaga Uachdar Càirn, Baile a' Ghobhainn, Mial, agus an t-Srath. Is ann dìreach o chionn ùine nach eil fada a chaidh na bailtean fa leth a tha a' ruith ris a' chladach, a' gabhail a-steach Baile Lùib aig deas far a bheil an acarsaid, air an ainmeachadh còmhla mar Geàrrloch. Gu 1843, nuair a thogadh an rathad, cha robh slighe a-steach gun cheàrnaidh iomallach seo ach air muir gu ìre mhòr. Is ann dìreach a-nis, aig toiseach a' chiad linn air fhichead, a tha an A832 ga àrdachadh bho fhrith-rathad aon-fhillte le àiteachan seachnaidh gu rathad mòr dà-fhillte.

B' àbhaist gur e croitearachd agus iasgach, gu h-àraid iasgach truisg, a' phrìomh obair a bha a' cumail suas na coimhearsnachd sgapte seo. Bha eisirean agus maoraich eile gam buain cuideachd airson margaidh Lunnain. Tha crùbagan, giomaich agus muasgain caola fhathast gan cuir à Geàrrloch gu margaidhean aig deas agus gu margaidhean san Roinn Eòrpa.

An-diugh tha taighean-òsta agus taighean-seinnse, taighean fèin-fhrithealaidh agus pàircean charabhain ann. Tha an sgìre gu h-àraid tarraingeach do luchd-coiseachd nan cnoc agus do luchd-amhairc fiadh-bheatha

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Geàrrloch

ROS: Geàrrloch

1970an

cairtean-puist; taighean-òsta; Anndra Maitland; Ros & Mac a' Bheatha; tràighean; liosan; taighean-glainne; luchd-turais; Bhioctòirianaich; A' Bhanrigh Bhioctòiria; innealan ionnlaid; croitearachd; bailtean; Baile Lùib; Lòn Mòr; Baile a' Ghobhainn; Mial;

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection