Ùrachadh mu Dheireadh 15/08/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Agallamh le Màiri Johns mu mhuinntir nan seirbheisean ann an Inbhir Nis
EXTERNAL ID
WD_HF07_TRACK05_JOHNS
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
DEIT
2005
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Mary Johns
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile agus Luchd-rannsachaidh a' Chogaidh
AITHNEACHADH MAOINE
3246
KEYWORDS
An Dara Cogadh
An Dàrna Cogadh
arm
saighdearan
Camshronaich
Gàidheil Chamshronach
claistinneach

Get Adobe Flash player

Tha cuimhne shònraichte aig Màiri Johns air na Gàidheil Chamshronach an Inbhir Nis san Dàrna Cogadh.

Co ris a bha Inbhir Nis coltach sa chogadh agus an robh e air a mheas na àite sàbhailte a bhith 'fuireach?

Bha, bha e meadhanach sàbhailte. 'S e baile gearastain a bh' ann. Tha sin a' ciallachadh gu robh mòran trupaichean ann: an t-Arm, an Nèibhidh agus Feachd an Adhair, a' chuid as motha dhiubh nan luchd-trèanaidh. Mus deidheadh iad air falbh a shabaid bhiodh iad a' trèanadh shuas an seo.

Dè a' chuimhne as soilleire a th' agaibh air an Dàrna Cogadh?

Er, uill, bha an leithid ann dhiubh. 'S e rud glè dhoirbh a th' ann. A' chuimhne, is dòcha, a sheas a b' fheàrr nam inntinn, na mo leanaibh òg, nuair a bha na Camshronaich - 's e sin rèiseamaid Inbhir Nis - dh'fhalbh na daoine òga gu lèir dhan chogadh agus rinn iad uile meàrrsadh ceithir thimcheall air baile Inbhir Nis agus bha a' phìob mhòr aca a' cluich, buidhnean phìobairean, agus na fireannaich òga uile a' meàrrsadh air an cùlaibh a' falbh air an rathad dhan chogadh. Agus bha na sràidean làn de dhaoine air gach taobh agus bha a h-uile duine troimhe-chèile agus a' gal. Tha cuimhn' agam air a sin; 's e sin fear de na rudan a bu - bha tòrr rudan ann - ach 's e sin fear de na h-amannan a bha tùrsach. Agus bha mòran dhiubh nach do thill. Chaidh mòran dhiubh an glacadh nam prìosanaich; thàinig iadsan air ais mu dheireadh.

Chaidh an t-agallamh seo a chlàradh mar phàirt de phròiseact 'Maoir rannsachaidh a' Chogaidh' ann an 2005 ann am Bun-sgoil Mharg Innis, Inbhir Nis.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Agallamh le Màiri Johns mu mhuinntir nan seirbheisean ann an Inbhir Nis

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

2000an

An Dara Cogadh; An Dàrna Cogadh; arm; saighdearan; Camshronaich; Gàidheil Chamshronach; claistinneach

Am Baile agus Luchd-rannsachaidh a' Chogaidh

War Detectives (interviews)