Ùrachadh mu Dheireadh 19/09/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Geàrrloch, Baile Lùib
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0534
ÀITE
Baile Lùib
SGÌRE
Geàrrloch
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Geàrrloch
LINN
1950an; 1960an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32460
KEYWORDS
cairtean-puist
acarsaidean
lochan
tuineachaidhean
Lòn Mòr
Baile a' Ghobhainn
Baile Lùib
Mial
Uachdar Càirn
croitearachd
iasgach
maoraich
bailtean turasachd
A' Bhanrigh Bhioctòiria
tràighean
bàtaichean smùid
goilf
Gairloch, Charleston

Tha a' chairt-phuist seo a' sealltainn Baile Lùib ann an Geàrrloch.

Tha Geàrrloch ann an Ros an Iar. Tha am facal 'Gairloch' a' tighinn bhon Ghàidhlig 'geàrr loch' a' ciallachadh loch ghoirid.

Aig Baile Lùib tha caolas fasgach ann an Loch Gheàrrloch a' dèanamh dachaigh dha acarsaid Gheàrrloch.

Is ann dìreach o chionn ùine nach eil fada a chaidh na bailtean fa leth a tha a' ruith ris a' chladach - Lòn Mòr, Baile a' Ghobhainn, Mial, an t-Srath, Uachdar Càirn agus Baile Lùib - an ainmeachadh còmhla mar Geàrrloch. Gu 1843, nuair a thogadh an rathad, cha robh slighe a-steach gun cheàrnaidh iomallach seo ach air muir gu ìre mhòr. Is ann dìreach a-nis, aig toiseach a' chiad linn air fhichead, a tha an A832 ga àrdachadh bho fhrith-rathad aon-fhillte le àiteachan seachnaidh gu rathad mòr dà-fhillte

B' àbhaist gur e croitearachd agus iasgach, gu h-àraid iasgach truisg, a' phrìomh obair a bha a' cumail suas na coimhearsnachd sgapte seo. Bha eisirean agus maoraich eile gam buain cuideachd airson margaidh Lunnain. Tha crùbagan, giomaich agus muasgain caola fhathast gan cuir à Geàrrloch gu margaidhean aig deas agus gu margaidhean san Roinn Eòrpa.

Tha Geàrrloch air aithneachadh nas fheàrr mar bhaile turasachd, ge-tà. Thadhail a' Bhanrigh Bhioctòiria ann an Geàrrloch nuair a bha i a' fuireach ann an Taigh-òsta Loch Ma Ruibhe ann an 1877, agus on uair sin tha luchd-turais air a bhith a' tighinn a ghabhail tlachd às na tràighean grinne agus na seallaidhean eireachdail. Bhiodh soithichean smùid a' tadhal gu cunbhalach tron naoidheamh linn deug agus bha Taigh-òsta Gheàrrloch a' gabhail ri feumalachdan
nan luchd-turais uile. Chaidh raon goilf fhosgladh ann an 1898.

An-diugh tha taighean-òsta agus taighean-seinnse, taighean fèin-fhrithealaidh agus pàircean charabhain ann. Tha an sgìre gu h-àraid tarraingeach do luchd-coiseachd nan cnoc agus do luchd-amharc fiadh-bheatha.
A dh'aindeoin nan àireamhan a bhios a' tadhal as t-samhradh, tha faireachdainn ann fhathast a bhith fad às agus air oir fàsaich neo-thruaillte

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Geàrrloch, Baile Lùib

ROS: Geàrrloch

1950an; 1960an

cairtean-puist; acarsaidean; lochan; tuineachaidhean; Lòn Mòr; Baile a' Ghobhainn; Baile Lùib; Mial; Uachdar Càirn; croitearachd; iasgach; maoraich; bailtean turasachd; A' Bhanrigh Bhioctòiria; tràighean; bàtaichean smùid; goilf

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection