Ùrachadh mu Dheireadh 27/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
An Acarsaid, Bad a' Chrò a' coimhead a dh'ionnsaigh an t-Srath, Geàrrloch
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0536
ÀITE
Bad a' Chròtha
SGÌRE
Geàrrloch
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Geàrrloch
LINN
1940an; 1950an
CRUTHADAIR
J Valentine & Co.
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32462
KEYWORDS
cairtean-puist
clachain
bailtean
iasgach
Tòr
Lochlannaich
Torasadl
Tioram
acarsaidean
iasgach
ciùraigeadh
The Harbour, Badachro looking to Strath, Gairloch

Tha a' chairt-phuist seo a' sealltainn na h-acarsaid ann am Bad a' Chrò, a' coimhead a dh'ionnsaigh an t-Srath, Geàrrloch.

Tha clachan Bhad a' Chrò, a' ciallachadh buaile a' chruidh, ann an àite eireachdail air bealach Loch Gheàrrloch ann an Ros an Iar. Ann am fasgadh grunn eileanan tha am bàgh a' tairgsinn acarsaid shàbhailte do bhàtaichean iasgaich agus do sgothan.

Is e Eilean Thorasadail an t-eilean as motha. Tha an t-ainm a' tighinn bho Tòr, dia Lochlannach an tàirneanaich, agus tha e a' cur nar cuimhne cho neartmhor agus a bha na Lochlannaich ris a' chladach seo aig aon àm. Air beulaibh Eilean Thorasdail tha eilean beag, Eilean Tioram, a tha ceangailte ri tìr-mòr le cabhsair.

Aig deireadh na naoidheamh linn deug b' e àite trang iasgaich a bh' ann am Bad a' Chrò. Bha iasg, gu h-àraid trosg, a bhathar a' cur air tìr ann an seo agus ann an Geàrrloch, air a thiormachadh ann am Bad a' Chrò. Tha giomaich, crùbagan agus muasgain caola fhathast gan cuir air tìr an seo agus gan cuir gu na margaidhean aig deas agus gu margaidhean na Roinn Eòrpa.

Tha am bad sàmhach iomallach seo air a mheas gu mòr aig luchd saor-làithean, a bhios a' tighinn ann a ghabhail tlachd às na seallaidhean eireachdail agus fiadh-beatha

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

An Acarsaid, Bad a' Chrò a' coimhead a dh'ionnsaigh an t-Srath, Geàrrloch

ROS: Geàrrloch

1940an; 1950an

cairtean-puist; clachain; bailtean; iasgach; Tòr; Lochlannaich; Torasadl; Tioram; acarsaidean; iasgach; ciùraigeadh

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection