Ùrachadh mu Dheireadh 19/09/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Geàrrloch bhon t-Srath
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0537
ÀITE
Geàrrloch
SGÌRE
Geàrrloch
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Geàrrloch
LINN
1940an; 1950an
CRUTHADAIR
J Valentine & Co.
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32463
KEYWORDS
cairtean-puist
ceàirdeadh
bailtean
Na Fuadaichean
tuathanachd
iasgach
taighean dubha
taighean tughaidh
tughadh
togail ghàrraidhean
Baoghais Bheinn
Toirbheartan
Gairloch from Strath

Tha a' chairt-phuist seo a' sealltainn Geàrrloch bhon t-Srath.

Is e baile croitearachd a th' anns an t-Srath air Taobh Siar Rois. Is e aon de ghrunn choimhearsnachdan beaga ri cladach Loch Gheàrrloch a chaidh an ainmeachadh còmhla mar Geàrrloch, o chionn ùine nach eil fada. Air an aghaidh chithear taigh dubh.

Aig àm nam Fuadaichean chaidh daoine a ghluasad a-mach às na glinn a-staigh san tìr gus àite a dhèanamh dha na caoraich. Chaidh an tuineachadh air an oirthir an cois na mara. Anns an t-Srath bha tràigh àrd de thalamh còmhnard a b' urrainnear àiteach airson teachd-an-tìr còmhla ri iasgach.

Tha tùs an fhacail 'blackhouse' rudeigin mì-shoilleir, air a fhreumhachadh air dà fhacal ann an Gàidhlig 'dubh' agus 'tughadh'. B' e taighean-còmhnaidh sìmplidh, aon-ùrlar, air an tughadh a bh' anns na 'Taighean dubha'. Bha na ballaichean cloiche de thiughad dùbailte agus bha am beàrn eatarra air a lìonadh le ùir agus mòine. Bha am mullach, a bha dèanta à tughadh agus sgrathan rèisg, air a dhèanamh tèarainte le ròpan a bha air an cumail sìos le ulpagan cloiche. Tha similear air gèibheal an fhir seo ach bha e cumanta gu leòr an teine a bhith ann am meadhan an ùrlair, gun shimilear agus gun uinneagan. Bha e cumanta cuideachd dha na beathaichean a bhith a' roinn an àite-fuirich.

Bha taighean dubha air an cleachdadh gus na 1970an agus an-diugh tha cuid dhiubh gan dèanamh suas às ùr mar àiteachan fuirich airson saor-làithean, ach le goireasan an latha an-diugh.

Air a' chùl anns a' mheadhan tha Taigh-òsta Gheàrrloch. Gun làimh dheis tha Eaglais na Paraiste agus tràighean àlainn Gheàrrloch. Tha Baoghais Bheinn, aon de na stùcan a bhuineas do shreath Bheanntan Thoirbheartan, ag èirigh suas air a' chùl

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Geàrrloch bhon t-Srath

ROS: Geàrrloch

1940an; 1950an

cairtean-puist; ceàirdeadh; bailtean; Na Fuadaichean; tuathanachd; iasgach; taighean dubha; taighean tughaidh; tughadh; togail ghàrraidhean; Baoghais Bheinn; Toirbheartan

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection