Ùrachadh mu Dheireadh 27/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Bho Shrath Gheàrrloch a' coimhead gun Eilean Sgìtheanach
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0540
ÀITE
An Srath
SGÌRE
Geàrrloch
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Geàrrloch
LINN
1910an; 1920an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32466
KEYWORDS
cairtean-puist
croitearachd
bailtean
Na Fuadaichean
iasgach' còrcach
dreuchdan
Tròndairnis
bolcànach
creagan
From Strath, Gairloch, looking to Skye

Tha a' chairt-phuist seo a' toirt seachad sealladh bho Srath Gheàrrloch gun Eilean Sgìtheanach.

Is e baile croitearachd a th' anns an t-Srath air Taobh Siar Rois. Is e aon de ghrunn choimhearsnachdan beaga ri cladach Loch Gheàrrloch, a chaidh an ainmeachadh còmhla mar Geàrrloch o chionn ùine nach eil fada.

Aig àm nam Fuadaichean chaidh daoine a ghluasad a-mach às na glinn a-staigh san tìr gus àite a dhèanamh dha na caoraich. Chaidh an tuineachadh air an oirthir an cois na mara. Anns an t-Srath bha tràigh àrd de thalamh còmhnard a b' urrainnear àiteach airson teachd-an-tìr còmhla ri iasgach, gu h-àraid iasgach truisg. Bhiodh gach croitear a' fàs còrcach a bhiodhte a' cleachdadh airson lìn agus driamlaich. Dh'fhàs an t-Srath gu bhith na h-àite malairt le bùithtean, muileann agus gàrradh airson togail bhàtaichean. Fiù 's an-diugh fhèin tha e cumanta barrachd air aon dreuchd a bhith aig muinntir a' bhaile.

Tha an sealladh tarsainn beul Loch Geàrrloch a' leantainn air gu leth-eilean Thròndairnis ann an ceann an ear thuath an Eilean Sgìtheanaich. An seo tha creagan cas bolcànach Geobha Thròndairnis, a tha ainmeil airson a sgòrran agus a bhinnean mòra, ag èirigh gu thairis air 2,363 troigh (719 meatair)

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Bho Shrath Gheàrrloch a' coimhead gun Eilean Sgìtheanach

ROS: Geàrrloch

1910an; 1920an

cairtean-puist; croitearachd; bailtean; Na Fuadaichean; iasgach' còrcach; dreuchdan; Tròndairnis; bolcànach; creagan

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection