Ùrachadh mu Dheireadh 27/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
An Taigh Dìge
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0543
ÀITE
Geàrrloch
SGÌRE
Geàrrloch
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Geàrrloch
LINN
1930an; 1940an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32469
KEYWORDS
cairtean-puist
Baile Lùib
Geàrrloch
Clann MhicCoinnich
Alasdair MacCoinnich
aitreabhan
MacLeòid
murtan
barantas cothrom-losgaidh agus claidheamh
Còir Crùine
Seumas IV
Eachann Ruairidh
am Prionnsa Teàrlach
Frisealach Fhoitheir
caibineat
Flowerdale House

Tha a' chairt-phuist a' sealltainn An Taigh Dìge ann an Geàrrloch. Ag èirigh suas air a' chùl tha Creag a' Chait.

Tha An Taigh Dìge ann an gleann bòidheach den aon ainm, dìreach a-steach san tìr bho acarsaid Gheàrrloch aig Baile Lùib. Is e cathair Chlann Mhic Coinnich Gheàrrloch.

B' e An Taigh Dìge an t-ainm a bha air a' chiad taigh aca ann an Geàrrloch. Bha e ann an sloc shìos fon aitreabh mhòr a chithear an seo agus bha dìg uisge timcheall air le drochaid.

Chaidh an taigh a th' ann a-nis a thogail ann an 1738 dhan Ridire Alasdair MacCoinnich agus a bhean Seònaid. Tha ciad litrichean an ainmean snaighte air na h-ursainnean. B' e a' chiad taigh san sgìre air an robh mullach sglèat agus aig an àm sin b' e Taigh Dìge nan Gorm Leac an t-ainm a bh' air. Ann an 1904 chuir Anndra Maitland agus a Mhac leudachadh ris air an robh gèibheal le ceumannan, agus chuir iad bogha mòr ri aghaidh an taighe.

Chùm còmhstri a' dol eadar Clann Mhic Leòid agus Clann Mhic Coinnich. Tha sgeulachd ann a tha ag ràdh, nuair a chunnacas bàta Leòdach a' tighinn a-steach dhan bhàgh, gun do mharbh boghadair Mhic Coinnich an neach-faire, a bha shuas sa chrann, le saighead bho mhullach taighe - astar leth-mhìle.

Ann an 1745, thug sgiobair a' bhàta cogaidh a bha a' coimhead airson a' Phrionnsa Theàrlaich, cuireadh dhan uachdaran a thighinn air bòrd. Dhiùlt an t-uachdaran air sgàth 's gu robh e a' dol a dh'ithe còmhla ri aoighean air mullach na creige àirde, Creag a' Chait, air cùl an Taigh Dìge, ach dh'iarr e air an sgiobair a dhol còmhla riutha. B' e am freagairt a fhuair e urchair ann an cliathaich an taighe le ball a' ghunna mhòir a' dol fodha ann an gèibheal an taighe.

Bha Frisealach Fhoitheir, nuair a bha e air an allaban às dèidh Cùil Lodair, air falach airson ùine ann an cùil dhìomhair san taigh.

Anns an t-Sultain 1921 bha am Prìomhaire, Dàibhidh Lloyd George, a' fuireach anns an Taigh Dìge nuair a chuala e gu robh Èirinn air cùl a chur ris an Rìgh agus ris an Ìmpireachd. Dh'èigh e an Caibineat còmhla ann an Inbhir Nis, an aon turas a-riamh a choinnich iad taobh a-muigh Lunnainn.

Tha Osgood MacCoinnich (1842-1922), fear de shliochd Eachainn a' sgrìobhadh ann an 1922, ag ràdh gun do mhol luchd-turais agus iad a' faicinnn cho pailt agus a bha na flùraichean ann an Gleann a' Bhaile Mhòir, an t-ainm Flowerdale a thoirt air, ach fad a bheatha b' e an Taigh Dige an t-ainm a bha air agus b' e Am Baile Mor an t-ainm a bha air an àite

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

An Taigh Dìge

ROS: Geàrrloch

1930an; 1940an

cairtean-puist; Baile Lùib; Geàrrloch; Clann MhicCoinnich; Alasdair MacCoinnich; aitreabhan; MacLeòid; murtan; barantas cothrom-losgaidh agus claidheamh; Còir Crùine; Seumas IV; Eachann Ruairidh; am Prionnsa Teàrlach; Frisealach Fhoitheir; caibineat;

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection