- TIOTAL
- Agallamh le Lorna Milligan mu mhuinntir nan seirbheisean ann an Goillspidh
- EXTERNAL ID
- WD_HF07_TRACK06_MILLIGAN
- ÀITE
- Goillspidh
PC_SEANCHAS_ILE_BIRLINN_GHORAIDH_CHRÒBHAIN,4,Ìle - SGÌRE
- Goillspidh, Raoghard agus An Luirg
- SIORRACHD/PARRAIST
- CATAIBH: Goillspidh
- DEIT
- 2005
- LINN
- 2000an
- CRUTHADAIR
- Lorna Milligan
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Am Baile agus Luchd-rannsachaidh a' Chogaidh
- AITHNEACHADH MAOINE
- 3247
- KEYWORDS
- An Dara Cogadh
An Dàrna Cogadh
saighdearan
arm
feachd an adhair
claistinneach
Tha cuimhn' aig Lorna Milligan gun tàinig daoine às gach dùthaich do bhaile Ghoillspidh san Dàrna Cogadh.
Uill, ann an Goillspidh bha mòran de dhaoine às an arm Ìnnseanach a bha gan trèanadh air an dùthaich timcheall oirnn agus bha iad a' cadal san sgoil againn, san t-seann phàirt de ar sgoil. Agus bha an taigh-bìdh an sin agus bha na h-Ìnnseanaich an-còmhnaidh a' dèanamh phoitean mhòra de choiridh agus 's e coiridh le fàileadh grot a bh' ann. Agus bhiodh iad a' dèanamh chapatis air na stòbhaichean agus chanadh iad ruinn, 'An toil leibh chapati? An toil leibh chapati?' Agus tha cuimhn' agam air a sin, eil fhios agaibh. Bheireadh iad chapatis dhuinn. Daoine uabhasach fialaidh. 'S e Siogaich a bh' annta agus bha turbanan orra, agus bhiodh iad a' ceangal aodach nan turban ri rèilichean na sgoile - mìltean fada de stuth thurbanan a' tiormachadh an uairsin - ach bha iad dòigheil, gle dhòigheil. Cha bhithinnsa ach an aois a tha thusa an-dràsta, dè, mu dhà bhliadhn' deug a dh'aois - ach tha e fhathast glan nam inntinn, glè shoilleir. Bha e math. Bha asail aca agus caoraich agus a h-uile seòrsa, eil fhios agaibh, ach sin mar a bha an taigh-bìdh. Agus an uairsin bha an t-arm fhèin ann aca; bha iad a' trèanadh shuas sna cnuic, a' trèanadh nan oifigearan aca san arm. Bha e math.
Bha e caran neònach. 'S e baile beag sàmhach a bh' ann an Goillspidh agus an uairsin bha na daoine eadar-dhealaichte seo uile a' tighinn aig an aon àm. Bha muinntir Honduras ann a bhiodh a' gearradh sìos nan craobhan. Bha muinntir Newfoundland ann a' gearradh sìos nan craobhan cuideachd, agus bha stèisean an RAF dìreach taobh a-muigh Ghoillspidh agus bha na h-Ìnnseanaich ann. Bha a h-uile diofar dhuine a' ruighinn dhan bhaile bheag shàmhach a bha seo agus a' dèanamh diofar uabhasach mòr dhan bheatha againn aig àm a' chogaidh. Ach bha e cho sona. Bha a h-uile duine - cha robh trioblaid sam bith ann. Cha robh sabaid ann no mì-rùn sam bith, càil idir mar sin. Cha shaoileadh tu idir gu robh cogadh ann. Bha e eadar-dhealaichte, ach cha shaoileadh tu gu robh coltas cogaidh air idir. Cha robh - dìreach gach cuimhne glè shona.
Chaidh an t-agallamh seo a chlàradh mar phàirt de phròiseact 'Maoir rannsachaidh a' Chogaidh' ann an 2005 ann am Bun-sgoil Pheighinn, Inbhir Theòrsa.