Ùrachadh mu Dheireadh 27/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
Flowerdale House, Gairloch

Tha a' chairt-phuist seo a' sealltainn An Taigh Dìge ann an Geàrrloch. Tha an taigh air cùl na craoibhe ann am meadhan na deilbh. Ag èirigh suas air an làimh chlì tha Creag a' Chait.

Tha An Taigh Dìge ann an gleann bòidheach den aon ainm, dìreach a-steach san tìr bho acarsaid Gheàrrloch aig Baile Lùib. Is e cathair Chlann Mhic Coinnich Gheàrrloch.
B' e An Taigh Dìge an t-ainm a bha air a' chiad taigh aca ann an Geàrrloch. Bha e ann an sloc shìos fon aitreabh mhòr a chithear an seo agus bha dìg uisge timcheall air le drochaid.

Chaidh an taigh a th' ann a-nis a thogail ann an 1738 dhan Ridire Alasdair MacCoinnich agus a bhean Seònaid. Tha ciad litrichean an ainmean snaighte air na h-ursainnean. B' e a' chiad taigh san sgìre air an robh mullach sglèat agus aig an àm sin b' e Taigh Dìge nan Gorm Leac an t-ainm a bh' air. Ann an 1904 chuir Anndra Maitland agus a Mhac leudachadh ris air an robh gèibheal le ceumannan, agus chuir iad bogha mòr ri aghaidh an taighe.

Ann an 1745, thug sgiobair a' bhàta cogaidh a bha a' coimhead airson a' Phrionnsa Theàrlaich, cuireadh dhan uachdaran a thighinn air bòrd. Dhiùlt an t-uachdaran air sgàth 's gu robh e a' dol a dh'ithe còmhla ri aoighean air mullach na creige àirde, Creag a' Chait, air cùl an Taigh Dìge, ach dh'iarr e air an sgiobair a dhol còmhla riutha. B' e am freagairt a fhuair e urchair ann an cliathaich an taighe le ball a' ghunna mhòir a' dol fodha ann an gèibheal an taighe.

Bha Frisealach Fhoitheir, nuair a bha e air an allaban às dèidh Cùil Lodair, air falach airson ùine ann an cùil dhìomhair san taigh.

Anns an t-Sultain 1921 bha am Prìomhaire, Dàibhidh Lloyd George, a' fuireach anns an Taigh Dìge nuair a chuala e gu robh Èirinn air cùl a chur ris an Rìgh agus ris an Ìmpireachd. Dh'èigh e an Caibineat còmhla ann an Inbhir Nis, an aon turas a-riamh a choinnich iad taobh a-muigh Lunnainn.

Tha Osgood MacCoinnich (1842-1922), fear de shliochd Eachainn a' sgrìobhadh ann an 1922, ag ràdh gun do mhol luchd-turais agus iad a' faicinnn cho pailt agus a bha na flùraichean ann an Gleann a' Bhaile Mhòir, an t-ainm Flowerdale a thoirt air, ach fad a bheatha b' e an Taigh Dige an t-ainm a bha air agus b' e Am Baile Mor a bha air an àite

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

An Taigh Dìge, Geàrrloch

ROS: Geàrrloch

1910an

cairtean-puist; Baile Lùib; Geàrrloch; Clann MhicCoinnich; Alasdair MacCoinnich; aitreabhan; MacLeòid; murtan; barantas cothrom-losgaidh agus claidheamh; Còir Crùine; Seumas IV; Eachann Ruairidh; am Prionnsa Teàrlach; Frisealach Fhoitheir; caibineat;

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection