Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
The Kerry Falls between Loch Maree and Gairloch

Anns a' chairt-phuist seo, chithear Eas Chearraidh tha eadar Loch Ma Ruibhe agus Geàrrloch.

Tha Abhainn Chearraidh a' sruthadh beagan is trì mìle bho Loch na h- Oidhche do Loch Gheàrrloch ann an Taobh Siar Rois. Tha ainm na h-aibhne a' tighinn às an t-seann Lochlannais airson 'frìth-choille'. Tha ceann shuas na h-aibhne a' sruthadh tro chlais mhòr dhomhainn agus anns na 1950an, chaidh stèisean cumhachd dealan-uisge a thogail air an abhainn, a' cleachdadh cumhachd Eas Chearraidh. Chruthaich e dealan don choimhearsnachd an toiseach ach tha e a-nis mar phàirt den lìonradh dealain nàiseanta. Mar thoradh air seo, tha sruth an easa air a dhol an lughad gu mòr bho chaidh an dealbh seo a thogail.

B' e Uilleam Logan (1913-1966) cunnradair pròiseact stèisean cumhachd Eas Chearraidh. B' esan ceannard na companaidh togail Duncan Logan Earr. às a' Bhlàr Dhubh, a tha ainmeil mar chunnradairean Drochaid Thatha. Stèidhich Uilleam Logan a' chompanaidh Loganair ann an 1962. Thòisich i mar sheirbheis tagsaidh adhair eadar eileanan ach choisinn i cliù mar loidhne adhair na h-Alba agus tha i a-nis a' frithealadh lìonradh de shlighean air tìr-mòr agus eadar eileanan. Chaidh Uilleam Logan a mharbhadh san Fhaoilleach 1966 nuair a thuit itealan air an robh e a' siubhal gu talamh air Dùn Eun faisg air Inbhir Nis.

Tha fear de na co-chruinneachaidhean as lìonmhoire de mhadaidhean-uisge anns an Rìoghachd Aonaichte aig ceann shìos Abhainn Chearraidh agus tha e air fear de na h-àiteachan as pailte sa bheil an gnè bheathaichean seo, a tha an dà chuid tearc agus ann an cunnart. Mar thoradh air seo, thathar air inbhe mar Ionad de Shuim Shònraichte Shaidheansail agus mar Ionad Sònraichte Glèidhteachais a thoirt do dh'Abhainn Chearraidh. Tha dìon aig madaidhean-uisge anns an Rioghachd Aonaichte fo Achd Fiadh-bheatha is Sgìrean Dùthchail 1981. Tha an abhainn ainmeil cuideachd airson iasgach nam bànag is a' bhradain

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Eas Chearraidh eadar Loch Ma Ruibhe agus Geàrrloch

ROS: Geàrrloch

1940an

cairtean-puist; aibhnichean; Loch na h-Oidhche; easan; dealan-uisge; ionadan cumhachd; Uilleam Logan; loidhnichean adhair; Logan Air; Drochaid Tatha; tubaistean adhair; Dùn Eun; neamhnaidean; feusgain; Suim Shònraichte Shaidheansail; Glèidhteachas

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection