Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Loch Maol Fhinn bho os cionn an Stèisein
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0576
ÀITE
Gairbh
SGÌRE
Am Blàr Dubh
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Cunndainn
LINN
1930an
CRUTHADAIR
J Valentine & Co.
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32498
KEYWORDS
cairtean-puist
Fionn
Cill Fhinn
pegmatities
gàirneid
eich uisge
Rathad-iarainn an Eilein Sgitheanaich
canàl
Pòrt an t-Sròim
bàtaichean iasgaich
rathaidean-iarainn
Loch Garve from above station, Garve

Chithear Loch Maol Fhinn, no Loch Garve sa Bheurla, sa chairt-phuist seo. Chaidh an dealbh a thogail bho os cionn an stèisein.

Is e "Loch Killen" an t-ainm a th' air an loch ann am mapa Roy a chaidh a dhèanamh ann an 1747 ach is e "Loch Killen" a th' aig an New Statistical Account (1834-45) air. Tha Cill Fhinn aig ceann an iar an locha. Tha an t-ainm "Garve" a' tighinn bhon fhacal "Garbh". Thathar air clachan pegmatite a lorg anns a bheil gàirneidean ri taobh Loch Maol Fhinn. Is e seòrsa de chloich theinntich agus garbh a th' ann am pegmatite agus chaidh a cruthachadh nuair a dh'fhuaraich làbha àrsaidh gu slaodach.

Tha stèisean aig Gairbh air Loidhne an Eilein Sgitheanaich, a dh'fhosgail ann an 1870. Chaidh an stèisean a dhealbhadh le Murchadh Peadarsan agus tha drochaid coise ann tarsainn an rathad-iarainn. Anns an stèisean, tha beàrn mòr ann eadar na loidhnichean gu tuath is gu deas. Tha seo ann mar thoradh air na planaichean tùsail airson na loidhne. Bhathar an dùil gum biodh an loidhne a' giùlan bhàtaichean-iasgaich a bharrachd air daoine, bathar is iasg. Bhathar a' moladh seo gus nach biodh aig bàtaichean ri seòladh timcheall costa a tuath na h-Alba - turas a bha gu math cunnartach. Bha e na bu shàbhailte a bhith a' seòladh tron Chanàl Chaileanach ach bha seo cosgail. Mar sin, bhathar a' moladh gun rachadh na bàtaichean a thoirt à Canal Inbhir Pheofharain le crann agus gun rachadh an cur air carbadan sònraichte. Bhiodh an trèana gan toirt gu Port an t-Sròim far an rachadh an cur air ais dhan mhuir. Bha feum air beàrn mòr ann an Gairbh gus an rachadh trèanaichean-bàta agus trèanaichean àbhaisteach seachad air a' chèile gu sàbhailte. Chaidh na cruinn òrdachadh agus bhathar an dòchas gum biodh an rathad-iarainn fosgailte tràth san t-samhradh nuair a bhiodh feum aig na bàtaichean air gluasad. Nuair a dh'fàs e soilleir nach biodh an rathad-iarainn deiseil gus an Iuchar, chaidh dàil a chur air an òrdugh gus an ath bhliadhna. B' e sin an rud mu dheireadh a chualas mu sgeama nam bàtaichean iasgaich agus is e a' bheàrn aig Stèisean Ghairbh an aon dìleab a bh' aig an sgeama seo. Bha dà sgeama ann aig deireadh an naoidheamh linn deug gus ceangail rèile a thogail aig Gairbh mar thoradh air sgeamaichean gus rathad iarainn a thogail eadar Gairbh is Ulapul. Fhuair an rathad-iarainn seo Aonta Rìoghail ann an 1890 ach cha deach an loidhne seo a thogail riamh mar thoradh air eas-aonta eadar na diofar chompanaidhean rèile

Tha sgeulachd ann mu each-uisge a tha a' fuireach ann an Loch Maol Fhinn. Thèid aig eich-uisge air nochdadh ann an cruth eich no cruth duine. Bha each-uisge Loch Maol Fhinn ag iarraidh bean agus mar sin, dh'fhalbh e le boireannach mar a bhios eich-uisge a dèanamh. Ged a thug an t-each-uisge deagh thaigh agus gu leòr bìdh dhi fon uisge, cha robh i toilichte a chionn 's gun robh i cho fuar. Bha an t-each-uisge còir agus bha gaol aige air a mhnaoi. Chaidh e gu baile Ghairbh ann an cruth eich gus clachair a lorg. Leig a leis a' chlachair a ghlacadh agus a dhol air a mhuin ach an uair sin thug e air ais don loch e. Chuir e ìmpidh air a' chlachair àite teine agus similear a thogail gus am biodh an taigh fon uisge na bu bhlàithe agus an uair sin, thug e an clachair air ais don bhaile gun cron sam bith a dhèanamh air. Bha bean an eich-uisge a-nis toilichte a chionn 's gun robh i blàth agus a chionn 's gum b'urrainn dhi biadh a chòcaireachd. Mar thuarastal airson na rinn e, cha robh aig a' chlachair ach ri seasamh ri taobh an locha agus "iasg" a ràdh agus an ath latha bhiodh basgaid làn èisg ùir ann dha. Thathar ag ràdh gu bheil pàirt den loch nach reoth uair sam bith mar thoradh air teas bho shimilear an eich-uisge

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Loch Maol Fhinn bho os cionn an Stèisein

ROS: Cunndainn

1930an

cairtean-puist; Fionn; Cill Fhinn; pegmatities; gàirneid; eich uisge; Rathad-iarainn an Eilein Sgitheanaich; canàl; Pòrt an t-Sròim; bàtaichean iasgaich; rathaidean-iarainn

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection