Ùrachadh mu Dheireadh 27/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Sealladh de Ghairbh
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0578
ÀITE
Gairbh
SGÌRE
Am Blàr Dubh
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Cunndainn
LINN
1920an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32500
KEYWORDS
cairtean-puist
taighean-òsta
rathad-iarainn an Eilean Sgitheanaich
canalaichean
Port an t-Sroim
bataichean iasgaich
rathaidean-iarainn
General view, Garve

Chithear sealladh de Ghairbh anns a' chairt-phuist seo.

Tha Gairbh na bhaile beag ann an Ros is Cromba. Tha ainm a' bhaile a' tighinn bhon fhacal "garbh". Tha taigh-òsta, stèisean is sgoil ann.

Tha Taigh-òsta Ghairbh ainmeil airson iasgaich agus tha e suidhichte air làrach far an robh fear de na taighean-aoigheachd as sine ann an Alba. Stèidhichte air seann rathad pàrlamaideach, bha e na àite stad ainmeil do dhròbhairean a bhiodh a' toirt crodh bhon Ghàidhealtachd do mhargaidhean aig deas.

Tha stèisean aig Gairbh air Loidhne an Eilein Sgitheanaich, a dh'fhosgail ann an 1870. Chaidh an stèisean a dhealbhadh le Murchadh Peadarsan agus tha drochaid coise ann tarsainn an rathad-iarainn. Anns an stèisean, tha beàrn mòr ann eadar na loidhnichean gu tuath is gu deas. Tha seo ann mar thoradh air na planaichean tùsail airson na loidhne. Bhathar an dùil gum biodh an loidhne a' giùlan bhàtaichean-iasgaich a bharrachd air daoine, bathar is iasg. Bhathar a' moladh seo gus nach biodh aig bàtaichean ri seòladh timcheall costa a tuath na h-Alba - turas a bha gu math cunnartach. Bha e na bu shàbhailte a bhith a' seòladh tron Chanàl Chaileanach ach bha seo cosgail. Mar sin, bhathar a' moladh gun rachadh na bàtaichean a thoirt à Canal Inbhir Pheofharain le crann agus gun rachadh an cur air carbadan sònraichte. Bhiodh an trèana gan toirt gu Port an t-Sròim far an rachadh an cur air ais dhan mhuir. Bha feum air beàrn mòr ann an Gairbh gus an rachadh trèanaichean-bàta agus trèanaichean àbhaisteach seachad air a' chèile gu sàbhailte. Chaidh na cruinn òrdachadh agus bhathar an dòchas gum biodh an rathad-iarainn fosgailte tràth san t-samhradh nuair a bhiodh feum aig na bàtaichean air gluasad. Nuair a dh'fàs e soilleir nach biodh an rathad-iarainn deiseil gus an Iuchar, chaidh dàil a chur air an òrdugh gus an ath bhliadhna. B' e sin an rud mu dheireadh a chualas mu sgeama nam bàtaichean iasgaich agus is e a' bheàrn aig Stèisean Ghairbh an aon dìleab a bh' aig an sgeama seo. Bha dà sgeama ann aig deireadh an naoidheamh linn deug gus ceangail rèile a thogail aig Gairbh mar thoradh air sgeamaichean gus rathad iarainn a thogail eadar Gairbh is Ulapul. Fhuair an rathad-iarainn seo Aonta Rìoghail ann an 1890 ach cha deach an loidhne seo a thogail riamh mar thoradh air eas-aonta eadar na diofar chompanaidhean rèile

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sealladh de Ghairbh

ROS: Cunndainn

1920an

cairtean-puist; taighean-òsta; rathad-iarainn an Eilean Sgitheanaich; canalaichean; Port an t-Sroim; bataichean iasgaich; rathaidean-iarainn

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection