Ùrachadh mu Dheireadh 19/09/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Drochaid Ghairbh Bhig, Gairbh
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0581
ÀITE
Gairbh
SGÌRE
Am Blàr Dubh
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Cunndainn
LINN
1920an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32503
KEYWORDS
cairtean-puist
an t-Alltan Dubh
Seumasaich
rathaidean armailteach
Wade
Caulfield
dròbhairean
rathaidean dròbhaireachd
Little Garve Bridge, Garve

Chithear Drochaid Ghairbh Bhig, Gairbh anns a' chairt-phuist seo.

Tha Gairbh Beag ann an Rois is Cromba, dà mhìle an iar air Gairbh.

Tha an drochaid seo, a chaidh a thogail san ochdamh linn deug agus aig a bheil bòghaichean grinn agus druim àrd, suidhichte os cionn mòr-bheàrn domhainn far a bheil eas an Alltain Duibh a' tuiteam air clachan is uspagan.

B'àbhaist an rathad armailteach eadar Cunndainn agus Poll Iùbh - a bhith air an drochaid seo ach chan eil mòran dheth air fhàgail.

Às dèidh ar-a-mach nan Seumasach ann an 1715, chaidh prògram thogail rathaidean air leth mòr a chur air dòigh ann an Alba fo stiùir Seanalair Wade gus am biodh e na b' fhasa don arm a bhith a' gluasad air feadh na Gàidhealtachd gus smachd a chumail air an t-sluagh. Chaidh an drochaid armailteach aig Gairbh Beag a thogail mun bhliadhna 1762 agus thathar a' smaoineachadh gun deach a thogail leis a' Mhàidseir Caulfield a ghabh àite Seanalair Wade.

Bhiodh dròbhairean a' gabhail fois aig Gairbh Beag air an slighe gu deas. 'S ann an seo a bhiodh cròdhan ùra gan cur air a' chrodh gus am biodh e na b' fhasa dhaibh a bhith a' coiseachd air mìltean fada de rathaidean cruaidh. Bhiodh na dròbhairean a' dol don Bhlàr Dhubh far am biodh fèill mhòr agus an uair sin a' dol do Chraoibh no don Eaglais Bhric. Faodar coiseachd air an t-seann rathad dròbhaireachd, air a bheil the Fish Merchant's route, fad sia mìle bho Ghairbh Bheag gu aigh Òsta Allt Giuthais

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Drochaid Ghairbh Bhig, Gairbh

ROS: Cunndainn

1920an

cairtean-puist; an t-Alltan Dubh; Seumasaich; rathaidean armailteach; Wade; Caulfield; dròbhairean; rathaidean dròbhaireachd

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection